Ùrachadh mu Dheireadh 03/08/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
The Green, Drum na Drochaid
EXTERNAL ID
PC_GLENURQUHART_HERITAGEGROUP_004_AT
ÀITE
Druim na Drochaid
SGÌRE
An Àird
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Urchadan 's Gleann Moireasdan
DEIT
2009
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Andrew Taylor
NEACH-FIOSRACHAIDH
Andrew Taylor
AITHNEACHADH MAOINE
22671
KEYWORDS
Gleann Urchadain
baile
Loch Nis
The Green, Drumnadrochit

Tha gu leòr de bhailtean meadhanach mòr air fàs ann an sgìrean far a bheil daoine air a bhith gabhail còmhnaidh o chionn fhada leis is gun robh bùrn is fearann torrach faisg air làimh. Is e seo dealbh dhen phàirt de Dhruim na Drochaid ris an canar an 'Green', àite rèidh torrach air bruach Loch Nis is e air a bhith bho shean na àite freagarrach dha ionaltradh is còmhnaidh. Is dòcha gur e an làrach a tharraing daoine gus taighean a thogail ann an Druim na Drochaid sa chiad dol a-mach. Chithear Taigh-òsta Dhruim na Drochaid air a chùl. Bha an 'Green' an teis meadhan Dhruim na Drochaid, is chleachd e a bhith na phàirc. Tha nise iomadh taigh-bìdh, oifis a' phuist is stad-bus san àite. The ionad turasachd cuideachd glè fhaisg air far an deach an dealbh seo a thogail.

Thòisich Baile Ghleann Urchadain far a bheil Abhainn na Ruighe a' coinneachadh ris an Loch. Is ged nach fhaicear an abhainn anns an dealbh seo, tha i eadar an Green agus a' bheinn leis an taigh-òsta oirre. Bhiodh an Green na làrach dha fèill a' chruidh, ach bha e bho chionn ghoirid na phàirc. Chithear Taigh-òsta Dhruim na Drochaid air a ' chùl.

Is e Balcraggan a th' air a' chnoc os chionn a' bhaile, agus tha buaidh mhòr a-nis aig Ionad-tadhail Loch Nis air.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

The Green, Drum na Drochaid

INBHIR NIS: Urchadan 's Gleann Moireasdan

2000an

Gleann Urchadain; baile; Loch Nis

Andrew Taylor

Tha gu leòr de bhailtean meadhanach mòr air fàs ann an sgìrean far a bheil daoine air a bhith gabhail còmhnaidh o chionn fhada leis is gun robh bùrn is fearann torrach faisg air làimh. Is e seo dealbh dhen phàirt de Dhruim na Drochaid ris an canar an 'Green', àite rèidh torrach air bruach Loch Nis is e air a bhith bho shean na àite freagarrach dha ionaltradh is còmhnaidh. Is dòcha gur e an làrach a tharraing daoine gus taighean a thogail ann an Druim na Drochaid sa chiad dol a-mach. Chithear Taigh-òsta Dhruim na Drochaid air a chùl. Bha an 'Green' an teis meadhan Dhruim na Drochaid, is chleachd e a bhith na phàirc. Tha nise iomadh taigh-bìdh, oifis a' phuist is stad-bus san àite. The ionad turasachd cuideachd glè fhaisg air far an deach an dealbh seo a thogail.<br /> <br /> Thòisich Baile Ghleann Urchadain far a bheil Abhainn na Ruighe a' coinneachadh ris an Loch. Is ged nach fhaicear an abhainn anns an dealbh seo, tha i eadar an Green agus a' bheinn leis an taigh-òsta oirre. Bhiodh an Green na làrach dha fèill a' chruidh, ach bha e bho chionn ghoirid na phàirc. Chithear Taigh-òsta Dhruim na Drochaid air a ' chùl.<br /> <br /> Is e Balcraggan a th' air a' chnoc os chionn a' bhaile, agus tha buaidh mhòr a-nis aig Ionad-tadhail Loch Nis air.