Ùrachadh mu Dheireadh 21/03/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Druim na Drochaid bho Ach a' Mhonaidh
EXTERNAL ID
PC_GLENURQUHART_HERITAGEGROUP_006
ÀITE
Druim na Drochaid
SGÌRE
An Àird
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Urchadan 's Gleann Moireasdan
NEACH-FIOSRACHAIDH
Glenurquhart Heritage Group
AITHNEACHADH MAOINE
22673
KEYWORDS
coilltearachd
taigheadas
leasachadh bailteach
Drumnadrochit From Achmony

Tha daoine air a bhith fuireach an Gleann Urchadain bho shean seach gu bheil dà rud nàdarra deatamach: bùrn is fearann torrach, faisg air làimh. 'S ann bho Ach a' Mhonaidh a chaidh an dealbh seo a thogail, cnoc os cionn an raoin rèidh. Chithear bhon dealbh gun robh an gleann furasta àiteachadh agus e air a chuairteachadh le fearann torrach. 'S ged nach faicear an loch anns an dealbh seo, tha e follaiseach gu bheil na h-achaidhean air an uisgeachadh gun bhith ro fhluich.

Chithear mullach taigh Eanraig. B' e taigh a bh'anns an togalach seo bho thùs. Chithear cuideachd mànas ris an canar 'the square', a chaidh a reic ri companaidh làithean-saora sna 1930an.

Tha an dealbh seo cuideachd a' sealltainn cho torrach is a bha Ach a' Mhonaidh is mar a ghleidheadh e fàs lusan gu mòr, le na bha anns an talamh de dh'aol. Nuair a bha barrachd tuigse aig muinntir an àite air buannachdan feumail an aoil, chaidh a chur air talamh nan achaidhean gus cur ri fàs na b' fheàrr. 'S ann le Taigh-òsta na Gàidhealtachd a tha na h-achaidhean anns an dealbh seo, is bhiodh iad a' cumail biadh ris an sgoil

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Druim na Drochaid bho Ach a' Mhonaidh

INBHIR NIS: Urchadan 's Gleann Moireasdan

coilltearachd; taigheadas; leasachadh bailteach

Glenurquhart Heritage Group

Glenurquhart Heritage Group (photographs)

Tha daoine air a bhith fuireach an Gleann Urchadain bho shean seach gu bheil dà rud nàdarra deatamach: bùrn is fearann torrach, faisg air làimh. 'S ann bho Ach a' Mhonaidh a chaidh an dealbh seo a thogail, cnoc os cionn an raoin rèidh. Chithear bhon dealbh gun robh an gleann furasta àiteachadh agus e air a chuairteachadh le fearann torrach. 'S ged nach faicear an loch anns an dealbh seo, tha e follaiseach gu bheil na h-achaidhean air an uisgeachadh gun bhith ro fhluich.<br /> <br /> Chithear mullach taigh Eanraig. B' e taigh a bh'anns an togalach seo bho thùs. Chithear cuideachd mànas ris an canar 'the square', a chaidh a reic ri companaidh làithean-saora sna 1930an. <br /> <br /> Tha an dealbh seo cuideachd a' sealltainn cho torrach is a bha Ach a' Mhonaidh is mar a ghleidheadh e fàs lusan gu mòr, le na bha anns an talamh de dh'aol. Nuair a bha barrachd tuigse aig muinntir an àite air buannachdan feumail an aoil, chaidh a chur air talamh nan achaidhean gus cur ri fàs na b' fheàrr. 'S ann le Taigh-òsta na Gàidhealtachd a tha na h-achaidhean anns an dealbh seo, is bhiodh iad a' cumail biadh ris an sgoil