Ùrachadh mu Dheireadh 03/08/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Bradley Màrtainn (1841-1913)
EXTERNAL ID
PC_GLENURQUHART_HERITAGEGROUP_011
ÀITE
Gleann Urchadain
SGÌRE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Urchadan 's Gleann Moireasdan
NEACH-FIOSRACHAIDH
Glenurquhart Heritage Group
AITHNEACHADH MAOINE
22678
KEYWORDS
Ameireaga
luchd-seilbh fearainn
Na Stàitean Aonaichte
Bradley Martin (1841-1913)

Rugadh Bradley Màrtainn sna Stàitean Aonaichte. Bho 1885 gu 1913, bha e na mhàladair air oighreachd sealg Bhaile MhicCathain. Bhiodh e siubhal air feadh na Gàidhealtachd ann an treàna a chaidh fhastadh dha air màl, air am biodh a chuid eich is airgid, agus bhon àm seo gu àm a bhàis an 1913, bha e na dhuine aithnichte, annasach san sgìre. Thug Mgr Màrtainn seachad airgead gus Talla a' Bhlàir Bhig a thogail agus airson iomadh tachartasan coimhearsnachd a chur air dòigh.

Ann an eu-coltas ris an teaghlach Seafield, aig an robh an oighreachd, bha an teaghlach Màrtainn nan daoine càirdeil. Chosg Mgr Màrtainn $369, 200 air aon turas anns an Taigh-òsta Waldorf. Fhad 's a bha an oighreachd fo shealbh Mhàrtainn, bha an ìre-cosnaidh aig cha mhòr 100%, agus tha am baile ga chuimhneachadh le spèis.

A bharrachd air Talla a' Bhlàir Bhig a chruthachadh, bha Mgr Màrtainn a' maoineachadh fhèilltean dha clann a' bhaile, is iad a' toirt cosnadh do mhòran luchd-cuideachaidh aig Oighreachd Bhaile MhicCathain. Bha ainm cho cliùiteach aig Baile MhicCathain mar oighreachd sheilg is i fo ghabhaltas Mhgr Mhàrtainn is gum bhiodh i tarraing luchd-tadhail leithid Prìomh-dhiùc Mìcheil às An Ruis

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Bradley Màrtainn (1841-1913)

INBHIR NIS: Urchadan 's Gleann Moireasdan

Ameireaga; luchd-seilbh fearainn; Na Stàitean Aonaichte

Glenurquhart Heritage Group

Glenurquhart Heritage Group (photographs)

Rugadh Bradley Màrtainn sna Stàitean Aonaichte. Bho 1885 gu 1913, bha e na mhàladair air oighreachd sealg Bhaile MhicCathain. Bhiodh e siubhal air feadh na Gàidhealtachd ann an treàna a chaidh fhastadh dha air màl, air am biodh a chuid eich is airgid, agus bhon àm seo gu àm a bhàis an 1913, bha e na dhuine aithnichte, annasach san sgìre. Thug Mgr Màrtainn seachad airgead gus Talla a' Bhlàir Bhig a thogail agus airson iomadh tachartasan coimhearsnachd a chur air dòigh.<br /> <br /> Ann an eu-coltas ris an teaghlach Seafield, aig an robh an oighreachd, bha an teaghlach Màrtainn nan daoine càirdeil. Chosg Mgr Màrtainn $369, 200 air aon turas anns an Taigh-òsta Waldorf. Fhad 's a bha an oighreachd fo shealbh Mhàrtainn, bha an ìre-cosnaidh aig cha mhòr 100%, agus tha am baile ga chuimhneachadh le spèis. <br /> <br /> A bharrachd air Talla a' Bhlàir Bhig a chruthachadh, bha Mgr Màrtainn a' maoineachadh fhèilltean dha clann a' bhaile, is iad a' toirt cosnadh do mhòran luchd-cuideachaidh aig Oighreachd Bhaile MhicCathain. Bha ainm cho cliùiteach aig Baile MhicCathain mar oighreachd sheilg is i fo ghabhaltas Mhgr Mhàrtainn is gum bhiodh i tarraing luchd-tadhail leithid Prìomh-dhiùc Mìcheil às An Ruis