Ùrachadh mu Dheireadh 12/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Sgioba-sealgaireachd
EXTERNAL ID
PC_GLENURQUHART_HERITAGEGROUP_013
ÀITE
Baile Mhic Cathain
SGÌRE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Urchadan 's Gleann Moireasdan
NEACH-FIOSRACHAIDH
Glenurquhart Heritage Group
AITHNEACHADH MAOINE
22680
KEYWORDS
sealg
stalcaireachd
cur-seachadan
Màrtainn
oighreachd
Shooting Party

Tro làithean Bhictoria thòisich na h-uachdarain a' fàs buileach na b' fheàrr air sealgaireachd. Sna 1950an leasaich Iarla Seafield Oighreachd Bhaile Mhic Cathain (ann an Gleann Urchardain) ach am faodadh buidhnean mòra a dhol ann a' sealg. B' e obair mhòr a bha seo, le iomadh duine an sàs ann, nam measg geimirean, fo-chìobairean, gillean-seilg, fir-gearrain, fir-coin, agus fir-sùiste. B' ann air an adhbhar seo a tha an leithid de dhaoine ann an dealbh de sgioba-seilg.

Fhad 's a bha e leis an neach-glèidhidh Bradley Màrtainn, neach-tionnsgail agus neach-sòisealta Ameireaganach, dh'fhàs Gleann Urchardain ainmeil air feadh an t-saoghail mar oighreachd na seilge, agus bhiodh uachdarain, leithid Mor-dhiùc Mìcheal à Ruisia a' tighinn ann airson pàirt a ghabhail ann an sealgaireachd Bhaile Mhic Cathain. Tha maidean-fosglaidh no 'shooting sticks' aig mòran de na daoine san dealbh seo. B' e rud a nochd ann an làithean Bhictorianach a bha seo, oir ghabhadh an cleachdadh mar bhata coiseachd air neo am fosgladh a-mach gus suidheachan a dhèanamh.

San dealbh-chamara seo tha Bradley Màrtainn na shuidhe as fhaide dhan taobh dheas san t-sreath-toisich agus a bhean na suidhe an dàrna neach on chlì. Eatorra tha Violet de Trafford na suidhe, tè-shòisealta a bha ainmeil ann am bliadhnachan deireannach Bhictoria agus bliadhnachan Rìgh Eideard. 'S e an duine a tha na sheasamh eatorra agus beagan air an cùlaibh, Bradley Màrtainn, am mac.

Fhad 's a bha teaghlach Mhàrtainn glè bheairteach, bha iad air an airgead a dhèanamh à gnìomhachas an àite beairteas oighreachail, agus shaoil leotha nam pòsadh iad an nighean aca gu Iarla gun toireadh sin dhaibh ìre na b'àirde san t-sealladh shòisealta. Gu mì-fhortanach, cha b' e pòsadh math a bh' ann oir b' e neach-cluiche nan geall a bha san Iarla agus chaith e an t-airgead a fhuair iad bho Bhradley Màrtainn.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Sgioba-sealgaireachd

INBHIR NIS: Urchadan 's Gleann Moireasdan

sealg; stalcaireachd; cur-seachadan; Màrtainn; oighreachd

Glenurquhart Heritage Group

Glenurquhart Heritage Group (photographs)