Ùrachadh mu Dheireadh 05/01/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Soitheach Pleadhaig 'Ghleann Garaidh'
EXTERNAL ID
PC_GLENURQUHART_HERITAGEGROUP_016
ÀITE
Loch Nis
SGÌRE
An Àird
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Urchadan 's Gleann Moireasdan
NEACH-FIOSRACHAIDH
Glenurquhart Heritage Group
AITHNEACHADH MAOINE
22683
KEYWORDS
bàtaichean
luingean
smùid
còmhdhail
turasachd
pleadhag
Paddle Steamer 'Glengarry'

Bhon uair a chaidh Seòlaid a' Ghlinne Mhòir a chruthachadh sna 1820an, bha còmhdhail-uisge aig gu leòr eadar luchd-turais is muinntir an àite fhèin. B' e an Loch, airson gu leòr dhiubh, an dòigh siubhail a b' fhasa bho na 1900an gu ruige anmoch sna 1920an nuair a bha rathaidean ùra is mòr-chleachadh charbadan-ola a' ciallachadh gun robh na busaichean na dhòigh siubhail na bu shaoire. Leis gun robhslighe-uisge eadar Baile Inbhir Nis is An Gearasdan, 's i tè dhe na dòighean a b' fhasa airson faighinn bhon chost an ear gu cost an iar na h-Alba.

B' e soitheach pleadhaig a bh' anns an SS Glengarry a bhiodh tric a' seòladh timcheall air an Loch, bho Inbhir Nis gu Cille Chuimein. B' e The Edinburgh Castle an t-ainm a bh' oirre bho thùs nuair a thòisich e air Seòlaid a' Ghlinne Mhòir ann an 1847, ach chaidh ainm ùr a thoirt dhi sna 1870an.

Chleachdadh soitheach pleadhaig le einnsean-smùide gus car a chur air cuibhle, no pleadhag, a chuireadh tron uisge e. Bhiodh cuibhle air a' chliathaich. Dheigheadh feadhainn le cuibhlichean air a' chùl a chleachdach na bu thrice le bàtaichean air aibhnichean leis gun robh iad na bu chumhainge. Bho 1895 a-mach chaidh an Glengarry a chleachdach gu h-àraidh gus meilichean a thoirt eadar Cille Chuimein is Inbhir Nis.

Bha an Glengarry ainmeil le cho fada is bha i soitheach pleadhaig, is gun deach e bhriseadh an dèidh 83 bliadhna ann an seirbheis. B' iad Mac a' Bhruthainn a ruith an t-seirbheis, no Caledonian Mac a' Bhruthainn mar a bha iad bliadhnaichean as dèidh làimh

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Soitheach Pleadhaig 'Ghleann Garaidh'

INBHIR NIS: Urchadan 's Gleann Moireasdan

bàtaichean; luingean; smùid; còmhdhail; turasachd; pleadhag

Glenurquhart Heritage Group

Glenurquhart Heritage Group (photographs)