Ùrachadh mu Dheireadh 21/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Club Camanachd Ghleann Urchadain
EXTERNAL ID
PC_GLENURQUHART_HERITAGEGROUP_041
ÀITE
Gleann Urchadain
SGÌRE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Urchadan 's Gleann Moireasdan
DEIT
1904
LINN
1900an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Glenurquhart Heritage Group
AITHNEACHADH MAOINE
22708
KEYWORDS
spòrs
cur-seachad
spòrs-sgioba
Loch Nis
Druim na Drochaid
Glenurquhart Shinty Team

Tha camanachd air a bhith na chur-seachad cudromach is mòr-chòrdte bho chionn fhada an Gleann Urchadain. Tha an geama coltach gu ìre ri hocaidh, ged a tha na camain tòrr nas truime, agus tha cliù cus nas fhearaile aig a' ghèam. 'S ann bho na h-Albannaich a dh'fhalbh a Chanada is a thug leotha an geama, a thòisich an geama hocaidh-eighe. B' e pàirt dhen adhbhar gun robh camanachd a' còrdadh cho mòr ri muinntir Ghleann Urchadain gun robh croitearachd a' toirt dhaibh bith-beò is gu robh sin gu mòr an eisimeil co-obrachaidh. Bha e na rud àbhaisteach do chroitearan a bhith cumail taic ri nàbaidhean is iad a' buain nan achaidhean aca. 'S mathaid gun robh an spòrs na cho-obrachadh a dh'fheumadh leithid de choimhearsnachd chroitearachd.

Thogadh an dealbh seo an 1904, is chithear an sgioba bhon sgìre. Tha e inntinneach nach eil iad sgeadaichte le dubh is dearg, a ghabh iad a-rithist mar na dathan aca. B' e an t-adhbhar airson seo nach robh aig an àm pàirt cho mòr aig sgoiltean ann a bhith cur spòrs an rian. Tha nise an aon dhathan aig sgioba chamanachd Ghleann Urchadain is a tha aig an Àrd-sgoil, seach gu bheil na dàimhean eadar an sgoil agus an sgioba chamanachd air fàs cho làidir.

Choisinn Sgioba Camanachd Ghleann Urchadain mòran cliù airson geama a thachair an 1887 nuair a rinn iad a' chùis air Srath Ghlas air Pàirc nam Bochd. 'S ann aig a' gheama seo a chaidh riaghailtean camanachd a chui air bhonn gu foirmeil

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Club Camanachd Ghleann Urchadain

INBHIR NIS: Urchadan 's Gleann Moireasdan

1900an

spòrs; cur-seachad; spòrs-sgioba; Loch Nis; Druim na Drochaid

Glenurquhart Heritage Group

Glenurquhart Heritage Group (photographs)

Tha camanachd air a bhith na chur-seachad cudromach is mòr-chòrdte bho chionn fhada an Gleann Urchadain. Tha an geama coltach gu ìre ri hocaidh, ged a tha na camain tòrr nas truime, agus tha cliù cus nas fhearaile aig a' ghèam. 'S ann bho na h-Albannaich a dh'fhalbh a Chanada is a thug leotha an geama, a thòisich an geama hocaidh-eighe. B' e pàirt dhen adhbhar gun robh camanachd a' còrdadh cho mòr ri muinntir Ghleann Urchadain gun robh croitearachd a' toirt dhaibh bith-beò is gu robh sin gu mòr an eisimeil co-obrachaidh. Bha e na rud àbhaisteach do chroitearan a bhith cumail taic ri nàbaidhean is iad a' buain nan achaidhean aca. 'S mathaid gun robh an spòrs na cho-obrachadh a dh'fheumadh leithid de choimhearsnachd chroitearachd.<br /> <br /> Thogadh an dealbh seo an 1904, is chithear an sgioba bhon sgìre. Tha e inntinneach nach eil iad sgeadaichte le dubh is dearg, a ghabh iad a-rithist mar na dathan aca. B' e an t-adhbhar airson seo nach robh aig an àm pàirt cho mòr aig sgoiltean ann a bhith cur spòrs an rian. Tha nise an aon dhathan aig sgioba chamanachd Ghleann Urchadain is a tha aig an Àrd-sgoil, seach gu bheil na dàimhean eadar an sgoil agus an sgioba chamanachd air fàs cho làidir. <br /> <br /> Choisinn Sgioba Camanachd Ghleann Urchadain mòran cliù airson geama a thachair an 1887 nuair a rinn iad a' chùis air Srath Ghlas air Pàirc nam Bochd. 'S ann aig a' gheama seo a chaidh riaghailtean camanachd a chui air bhonn gu foirmeil