Ùrachadh mu Dheireadh 21/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Langanaich nam Fiadh sa Ghàidhealtachd
EXTERNAL ID
GB1796_SINCLAIR_STAGS
LINN
1980an
CRUTHADAIR
unknown
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh is Gaileiridh Ealan Inbhir Nis
AITHNEACHADH MAOINE
2271
KEYWORDS
daimh

claistinneach

Get Adobe Flash player

Tha a' chuid as motha de fhèidh ann am Breatainn rim faotainn air na frìthean fosgailte ann an Gàidhealtachd na h-Alba agus anns na h-Eileanan. Ged a bha iad air a dhol a-mach à bith anns a' Ghalldachd ro dheireadh na h-ochdamh linn deug, chaidh meudachadh air na h-àireamhan sa Ghàidhealtachd agus às dèidh sin thàinig leasachadh air spòrs seilg an fhèidh. Tha a' chuid as motha de na fèidh beò ann an àrainnean fosgailte fad na bliadhna ged a tha iad sin dualtach a bhith nas lugha na iadsan a tha a' fuireach anns na coilltean. Airson a' chuid as motha den bhliadhna, tha na buidhnean fireann agus boireann a' fuireach air falbh bho chèile agus tha iad gam biadhadh fhèin air feur, luachair agus seisgean as t-samhradh, agus fraoch is dearcan anns a' gheamhradh.

Bidh fireann agus boireann a' tighinn còmhla eadar deireadh an t-Sultain agus an t-Samhain. Bidh daimh a tha air a thighinn gu ìre a' dìon bhuidhnean eilidean, gus farpaisich eile a chumail air falbh. Aig àm dàmhair nam fiadh bidh na daimh a' dol an sàs ann am farpaisean langanaich. Dh'fhaodadh seo sreap gu sabaid leis na cabair a' dol an lùib a chèile.

Anns an earrann èisteachd ghoirid seo, cluinnear Fèidh air Ghàidhealachd a' langanaich aig àm an dàmhair

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Langanaich nam Fiadh sa Ghàidhealtachd

1980an

daimh; ; claistinneach

Taigh-tasgaidh is Gaileiridh Ealan Inbhir Nis

Bill Sinclair Audio: Deer

Tha a' chuid as motha de fhèidh ann am Breatainn rim faotainn air na frìthean fosgailte ann an Gàidhealtachd na h-Alba agus anns na h-Eileanan. Ged a bha iad air a dhol a-mach à bith anns a' Ghalldachd ro dheireadh na h-ochdamh linn deug, chaidh meudachadh air na h-àireamhan sa Ghàidhealtachd agus às dèidh sin thàinig leasachadh air spòrs seilg an fhèidh. Tha a' chuid as motha de na fèidh beò ann an àrainnean fosgailte fad na bliadhna ged a tha iad sin dualtach a bhith nas lugha na iadsan a tha a' fuireach anns na coilltean. Airson a' chuid as motha den bhliadhna, tha na buidhnean fireann agus boireann a' fuireach air falbh bho chèile agus tha iad gam biadhadh fhèin air feur, luachair agus seisgean as t-samhradh, agus fraoch is dearcan anns a' gheamhradh.<br /> <br /> Bidh fireann agus boireann a' tighinn còmhla eadar deireadh an t-Sultain agus an t-Samhain. Bidh daimh a tha air a thighinn gu ìre a' dìon bhuidhnean eilidean, gus farpaisich eile a chumail air falbh. Aig àm dàmhair nam fiadh bidh na daimh a' dol an sàs ann am farpaisean langanaich. Dh'fhaodadh seo sreap gu sabaid leis na cabair a' dol an lùib a chèile. <br /> <br /> Anns an earrann èisteachd ghoirid seo, cluinnear Fèidh air Ghàidhealachd a' langanaich aig àm an dàmhair