Ùrachadh mu Dheireadh 03/08/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Luchd-teagaisg, Àrd-sgoil Ghleann Urchardain
EXTERNAL ID
PC_GLENURQUHART_JANBELL_001
ÀITE
Gleann Urchadain
SGÌRE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Urchadan 's Gleann Moireasdan
LINN
1930an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Glenurquhart Heritage Group
AITHNEACHADH MAOINE
22714
KEYWORDS
foghlam
Friseal
Druiim na Drochaid
Cùl an Lòin
Linn Eideird
cogadh
Glenurquhart High School Staff

'S e ionad cudromach airson foghlam Dhruim na Drochaid 's an sgìre mun cuairt a bh' ann an Àrd-sgoil Ghleann Urchardain. Tha a' bhuidheann chunbhalach de luchd-teagaisg sna 1930an ri fhaicinn san dealbh seo.

Air a' chùlaibh chithear an Àrd-sgoil aig Cùl an Lòin a chaidh a thogail ann an 1877. 'S i a bha na meadhan aig foghlam na sgìre gus an deach sgoil ùr a chruthachadh aig Rathad Phitkerrald aig àm nam Mìle Bliadhna ann an 2000.

Bha clann o air feadh Ghleann Urchardain a' tighinn dhan Àrd-sgoil. Aig toiseach an 20mh linn, le piseach ann an còmhdhail is àiteachan-taic, thàinig foghlam gu bhith air a chruinneachadh ann an ionadan nas motha. Dh'atharraich an eaconamaidh cuideachd, barrachd taobh bhailtean is ghnìomhachais agus na bu lugha an crochadh air àiteachas. Leis an seo thàinig fàs ann an gnìomhachasan leithid dèanamh rudan, solarachd, bancadh agus marsantachd. Thug na rudan seo air àireamh an t-sluaigh ann an Druim na Drochaid leudachadh fhad 's a lùghdaich àireamh an t-sluaigh timcheall a bha an sàs ann an obair àiteachais, agus mar thoradh air seo, thug an Àrd-sgoil a-steach sgoilearan a bha cho fad air falbh ri Coire a' Mhonaidh.

Le àite sa mheadhan do dh'fhoghlam aig ìre Àrd-sgoile, dh'fhaodadh barrachd thidsearan a bhith air am fastadh le eòlas air diofar chuspairean, cothrom gus an curraicealam a leudachadh.

Aig àm na deilbh seo, 's e an ceannard Ùisdean Friseal, an ceathramh duine bhon deas. Bha esan an ceann na sgoile o 1922 gu 1943, agus b' e am far-ainm aige 'am Broc', am beathach le ceann dubh is geal! 'S e an duine air an làimh dheis, Alasdair MacKell, fear a sgrìobh leabhar den ainm 'The Glenurquhart Story', eachdraidh sgiobalta, luachmhor mun sgìre

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Luchd-teagaisg, Àrd-sgoil Ghleann Urchardain

INBHIR NIS: Urchadan 's Gleann Moireasdan

1930an

foghlam; Friseal; Druiim na Drochaid; Cùl an Lòin; Linn Eideird; cogadh

Glenurquhart Heritage Group

Glenurquhart Heritage Group (photographs)