Ùrachadh mu Dheireadh 12/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Taigh Baile Mhic Cathain
EXTERNAL ID
PC_GLENURQUHART_JANBELL_006
ÀITE
Gleann Urchadain
SGÌRE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Urchadan 's Gleann Moireasdan
NEACH-FIOSRACHAIDH
Glenurquhart Heritage Group
AITHNEACHADH MAOINE
22719
KEYWORDS
ailtireachd
Bhioctoria
Bradley Martin, Seafield
Balmacaan House

Tha Taigh Baile Mhic Cathain air a bhith ann on t-16mh linn. Chaidh an taigh a leasachadh sna 1850an, agus iomadh annas air a chur ann a bu toigh le ailtirean Bhictorianach,mar am portico agus na cuilbh Ghreugach. 'S ann às dèidh na h-obrach sin a chaidh an dealbh seo a thogail, oir roimhe sin cha robh ann ach taigh-tughaidh gu math na bu lugha.

Tha a h-uile coltas gur ann nuair a bha Taigh Baile Mhic Cathain air mhàl aig Bradley Martin a chaidh an dealbh a thogail. 'S e neach-gnìomhachais Ameireaganach a bh' ann am Mgr Màrtainn agus tharraing a bheairteas agus a cheangalan sòisealta aire dhaoine dhan sgìre. Bha e cuideachd cudromach a thaobh na coimhearsnachd ann an Gleann Urchardain ri a thaobh.

Aig àm an Dàrna Cogaidh chleachdadh an taigh seo mar àite-fuirich do dhaoine a thàinig a-mach às na bailtean airson sàbhailteachd. Gu mì-fhortanach, tràth sna 1970an bha staid an togalaich cho dona 's gum feumadh iad a leagail. Bha feadhainn fiù 's ag ràdh gum faca iad taibhsean nuair a chaidh an togalach a leagail

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Taigh Baile Mhic Cathain

INBHIR NIS: Urchadan 's Gleann Moireasdan

ailtireachd; Bhioctoria; Bradley Martin, Seafield

Glenurquhart Heritage Group

Glenurquhart Heritage Group (photographs)

Tha Taigh Baile Mhic Cathain air a bhith ann on t-16mh linn. Chaidh an taigh a leasachadh sna 1850an, agus iomadh annas air a chur ann a bu toigh le ailtirean Bhictorianach,mar am portico agus na cuilbh Ghreugach. 'S ann às dèidh na h-obrach sin a chaidh an dealbh seo a thogail, oir roimhe sin cha robh ann ach taigh-tughaidh gu math na bu lugha.<br /> <br /> Tha a h-uile coltas gur ann nuair a bha Taigh Baile Mhic Cathain air mhàl aig Bradley Martin a chaidh an dealbh a thogail. 'S e neach-gnìomhachais Ameireaganach a bh' ann am Mgr Màrtainn agus tharraing a bheairteas agus a cheangalan sòisealta aire dhaoine dhan sgìre. Bha e cuideachd cudromach a thaobh na coimhearsnachd ann an Gleann Urchardain ri a thaobh. <br /> <br /> Aig àm an Dàrna Cogaidh chleachdadh an taigh seo mar àite-fuirich do dhaoine a thàinig a-mach às na bailtean airson sàbhailteachd. Gu mì-fhortanach, tràth sna 1970an bha staid an togalaich cho dona 's gum feumadh iad a leagail. Bha feadhainn fiù 's ag ràdh gum faca iad taibhsean nuair a chaidh an togalach a leagail