Ùrachadh mu Dheireadh 03/08/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Bàideanach agus Loch Abar san t-17mh Linn
EXTERNAL ID
PC_GLENURQUHART_JANBELL_MAPS_001
SGÌRE
Bàideanach; Loch Abar
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS
DEIT
1654
LINN
1650an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Glenurquhart Heritage Group
AITHNEACHADH MAOINE
22720
KEYWORDS
Seumasaich
Abhainn Nis
Telford
Wade

'S e seo mapa, o àm Theàrlaich ll, de Ghàidhealtachd an ear na h-Alba. 'S dòcha gur e an rud as motha a tharraingeas sùil gu bheil prìomh-bhaile na Gàidhealtachd, Inbhir Nis, cho beag air a' mhap agus ainm air a litreachadh ceàrr. Ged a bhiodh diofar dhòighean air an t-ainm a sgrìobhadh, bhiodh an litir 'v' sa h-uile h-aon ann am Beurla. Tha a h-uile coltas nach robh am baile deatamach idir le muinntir Shrath Spè is Bhàideanaich aig àm nuair a bha Alba cho sgaoilte.

Tha e furasta fhaicinn carson a bha a' Ghàidhealtachd cho sgaoiIte: cha robh Sligh'-uisge a' Ghlinne Mhòir air a thogail aig an àm agus bha gach loch is uisge sìos an Gleann Mòr air an sgaradh bho chèile. Cha robh dòigh siubhail ann ach a dhol thairis air cnuic 's air beanntan.

'S dòcha gur ann air an adhbhar sin nach eil Gleann Urchardain air a dheilbh ceart air a' mhap. Chan eil sgeul air a' bhaile ach le caibeal an Naoimh Ninnein, naomh de na linntean tràtha a bha a' searmonachadh san sgìre san 3mh linn AD. An aon sgìre eile de Ghleann Urchardain a tha air a' mhap 's e sin Borlum. Tha an clachan sin faisg air Caisteal Urchardain agus mu chòig mìle air falbh o chaibeal an Naoimh Ninnein. Air a' mhap seo tha e air a shealltainn faisg air Cille Chuimein, a tha mu fhichead mìle air falbh. An-diugh ann am Beurla 's e 'Fort Augustus' a th' air a' bhaile, air ainmeachadh air Diùc Chumberland. Thog esan gearastan an sin gus ar-a-mach nan Seumasach a chasg. 'S e naomh tràth Albannach a bh' ann an Cuimean, fear a bhiodh a' searmonachadh san sgìre agus 's e a' cheall aige a dh'fhàg an t-ainm Gàidhlig air a' bhaile. Chan eil sgeul air a' chill aosmhor seo air a' mhap.

Air mullach a' mhapa tha suaicheantas ann le cìobair is dà chaora, a' sealltainn gur e eaconamaidh a bha cha mhòr an crochadh air tuathanas a bh' ann aig an àm. Fodha tha facail-suaicheantais ann an Laideann, cànan a bha na mheadhan aig lagh is gnothaichean air feadh na Roinn Eòrpa an Iar aig an àm. Tha na beanntan 's na cnuic air an deilbh gu bochd, gun fhiosrachadh air àirde na talmhainn. An dèidh eso bhiodh mapaichean ag atharrachadh agus a' cleachdadh shamhlan mar loidhnichean-pàirde

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Bàideanach agus Loch Abar san t-17mh Linn

INBHIR NIS

1650an

Seumasaich; Abhainn Nis;Telford; Wade

Glenurquhart Heritage Group

Glenurquhart Heritage Group (maps)