Ùrachadh mu Dheireadh 21/03/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Alba an Ear-thuath san 19mh linn
EXTERNAL ID
PC_GLENURQUHART_JANBELL_MAPS_002
DEIT
1832
LINN
1830an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Glenurquhart Heritage Group
AITHNEACHADH MAOINE
22721
KEYWORDS
turasachd
siubhal
craobhan
litreachadh

Mar bu trice a bhiodh daoine a' siubhal agus mar a thug malairt air coimhearsnachdan Gàidhealach a bhith nas ceangailte le rathaidean eatarra, 's ann a dh'atharraich mapaichean. Tha bailtean Cheann loch agus Obar Itheachain rim faicinn air a' mhap seo. Sna 1830an 's e coimhearsnachdan glè bheag ann an àireamh sluaigh a bhiodh annta. Ach bha iad nan suidhe air ionadan cudromach siubhail. Mus do leig Sligh' Uisge a' Ghlinne Mhòir le soithichean falbh às Inbhir Nis fhèin, 's e Ceann Loch an t-ionad a b' fhaide dhan ear do shoithichean a sheòladh sìos an Loch. B' e Obar Itheachan am bun-àite do dhaoine a' siubhal thar tìr. Ged a bha rathad cas ann às a seo, bha an tràigh ri taobh an loch tiugh le craobhan beithe.

Fhad 's a dh'fhàs mapaichean na b' fheàrr do luchd-siubhail leis na bh' annta de chinn-uidhe chudromach, dh'fhàs iad cuideachd na bu dorra a thaobh dhòighean gus an cruth-talmhainn a shealltainn. Ao-coltach ri map an t-17mh linn, tha na beanntan air an sealltainn le loidhnichean a' dlùthachadh ri chèile, an àite nan dealbh dhiubh a bh' ann roimhe. Bha seo a' comharrachadh cruth no àirde. Cha robh loidhnichean-àirde air an leasachadh aig an àm seo ach chithear gu bheil àirde air a comharrachadh le cho tiugh 's a tha na loidhnichean. Tha na craobhan air tràighean Loch Nis air an dealbhadh chan ann a-mhàin airson bòidhchead ach air sgàth cho doirbh 's a bha siubhal am measg nan craobhan.

A bharrachd air sealltainn an fhearainn mun cuairt, tha na comharraidhean-tìre air an sealltainn mòr air a' mhap, mar gur ann do luchd-siubhail a chaidh am map a dhèanamh. Tha Caisteal Urchardain (na thobhta an uair sin, mar an-diugh) air ainmeachadh agus cuideachd Eaglais an Naoimh Ninnein. Ach chan eil ionadan-obrach Milton agus Lewiston air an ainmeachadh, ged a tha an dà thaigh-seinnse air an comharrachadh. Tha e follaiseach gu bheil fear de na taighean-seinnse air talamh àrd. 'S e seo an 'druim' a th' anns an ainm 'Druim na Drochaid'. Tha àiteachan-fuirich do luchd-siubhail air a bhith an seo bho chionn fhada a chionn 's gu bheil e air oir a' bhaile agus cuideachd a chionn 's gu bheil sealladh math bhuaithe a-mach air an sgìre. 'S ann an seo a chaidh Taigh-òsta Dhruim na Drochaid a thogail, an-diugh na dhachaigh do Ionad Turasachd Ghleann Urchardain

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Alba an Ear-thuath san 19mh linn

1830an

turasachd; siubhal; craobhan; litreachadh

Glenurquhart Heritage Group

Glenurquhart Heritage Group (maps)

Mar bu trice a bhiodh daoine a' siubhal agus mar a thug malairt air coimhearsnachdan Gàidhealach a bhith nas ceangailte le rathaidean eatarra, 's ann a dh'atharraich mapaichean. Tha bailtean Cheann loch agus Obar Itheachain rim faicinn air a' mhap seo. Sna 1830an 's e coimhearsnachdan glè bheag ann an àireamh sluaigh a bhiodh annta. Ach bha iad nan suidhe air ionadan cudromach siubhail. Mus do leig Sligh' Uisge a' Ghlinne Mhòir le soithichean falbh às Inbhir Nis fhèin, 's e Ceann Loch an t-ionad a b' fhaide dhan ear do shoithichean a sheòladh sìos an Loch. B' e Obar Itheachan am bun-àite do dhaoine a' siubhal thar tìr. Ged a bha rathad cas ann às a seo, bha an tràigh ri taobh an loch tiugh le craobhan beithe.<br /> <br /> Fhad 's a dh'fhàs mapaichean na b' fheàrr do luchd-siubhail leis na bh' annta de chinn-uidhe chudromach, dh'fhàs iad cuideachd na bu dorra a thaobh dhòighean gus an cruth-talmhainn a shealltainn. Ao-coltach ri map an t-17mh linn, tha na beanntan air an sealltainn le loidhnichean a' dlùthachadh ri chèile, an àite nan dealbh dhiubh a bh' ann roimhe. Bha seo a' comharrachadh cruth no àirde. Cha robh loidhnichean-àirde air an leasachadh aig an àm seo ach chithear gu bheil àirde air a comharrachadh le cho tiugh 's a tha na loidhnichean. Tha na craobhan air tràighean Loch Nis air an dealbhadh chan ann a-mhàin airson bòidhchead ach air sgàth cho doirbh 's a bha siubhal am measg nan craobhan.<br /> <br /> A bharrachd air sealltainn an fhearainn mun cuairt, tha na comharraidhean-tìre air an sealltainn mòr air a' mhap, mar gur ann do luchd-siubhail a chaidh am map a dhèanamh. Tha Caisteal Urchardain (na thobhta an uair sin, mar an-diugh) air ainmeachadh agus cuideachd Eaglais an Naoimh Ninnein. Ach chan eil ionadan-obrach Milton agus Lewiston air an ainmeachadh, ged a tha an dà thaigh-seinnse air an comharrachadh. Tha e follaiseach gu bheil fear de na taighean-seinnse air talamh àrd. 'S e seo an 'druim' a th' anns an ainm 'Druim na Drochaid'. Tha àiteachan-fuirich do luchd-siubhail air a bhith an seo bho chionn fhada a chionn 's gu bheil e air oir a' bhaile agus cuideachd a chionn 's gu bheil sealladh math bhuaithe a-mach air an sgìre. 'S ann an seo a chaidh Taigh-òsta Dhruim na Drochaid a thogail, an-diugh na dhachaigh do Ionad Turasachd Ghleann Urchardain