Ùrachadh mu Dheireadh 21/03/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Buaidh Sligh'-uisge a' Ghlinn Mhòir air Gleann Urchardain
EXTERNAL ID
PC_GLENURQUHART_JANBELL_MAPS_003_002
ÀITE
Gleann Urchardain
SGÌRE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Urchadan 's Gleann Moireasdan
DEIT
1801
LINN
1810an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Glenurquhart Heritage Group
AITHNEACHADH MAOINE
22723
KEYWORDS
tuathanas
tuathanasan
àiteachas

Ann an 1801 bha talamh ga cleachdadh ann an dòigh na bu toinnte na bha i riamh roimhe. Bha buaidh mhòr aig an t-Soilleireachadh air Alba an 19mh linn agus bha buaidh air deilbh-mhapaichean on iomadh leasachadh saidheansail a thachair. Mar eisimpleir, tha iad a' bruidhinn air 'talamh aotrom gainmhiche'. Aig an àm sin, ged nach biodh fios fhaca carson, bha iad a' tuigsinn nach robh fearann le creag ghrùideil tric torrach, gu h-àraid ma 's ann à creag nach robh fàs-bheairteach a bha e air neo ma bha calsaidhium ann nach deach a bhriseadh sìos leis an talamh. Ann am mapaichean a-rithist, bhiodh dathan air an cur gu feum gus feartan clach-eòlasach diofraichte an fhearainn a shealltainn. Ged nach robh seo ra lorg sna mapaichean o thràth san 19mh linn, gabhaidh e sealltainn gu robh a' bhuaidh a thàinig nuair a lorg iad cho cudromach 's a bha an t-seòrsa ùir air buadhan eaconamach na talmhainn, air tòiseachadh a' tighinn troimhe mar tha.

Ged 's e rud ùr a bh'ann a bhith ag innse feartan clach-eòlasach air mapa, bha iad cuideachd a' cur gu feum na bu trice tuairisgeul air na seòrsachan lusan a bh' ann. Ged nach robh cus feum a thaobh tuathanachais sa mhòintich timcheall air a' ghleann thorrach, tha am mapa a' dèanamh rud mòr mu leasachadh na talmhainn seo.

Bhiodh leasachadh talmhainn a' tachairt mar thoradh air dà rud ùr. Chaidh acfhainn tuathanais a dhèanamh gu math na b' aotroime, agus, cuideachd, chaidh an cleachdadh de chur bàrr mu-seach a thoirt a-steach. Bha Gleann Urchardain fortanach gu robh Sir Seumas Grannd 'math' na uachdaran ann san 19mh linn, a chionn 's gu robh e dèidheil air leasachaidhean ùra ann an tuathanachas. B' ann aig an àm seo a lorg iad a-mach gu robh an talamh na bu torraiche nam biodh dòigh bàrr-mu-seach ga cleachdadh. Tha an dòigh-obrach seo a' tighinn nuair a thèid bàrran diofraichte a chur, bàrran a tha a' dèanamh bacteria a tha a' briseadh sìos mathas san ùir. Mar sin tha an ùir a' tighinn nas torraiche do dhiofar lusan.

Dh'adhbhraich a h-uile h-aon de na dòighean ùra seo 'Ar-a-mach Àiteachais' a dh'fhàg a bhuaidh air dèanamh nam mapaichean. Ann am mapaichean roimhe seo cha robh diù dè 'n t-seòrsa ùir a bhiodh ann agus cha bhiodh guth air cho math 's a bhiodh an talamh airson a leasachadh.

Aon rud eile is fhiach a mhothachadh an seo: gu bheil saighead combaist ag amas air an tuath air a' mhap seo. Thàinig seo gu bhith na fheart sa h-uile map san 19mh linn

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Buaidh Sligh'-uisge a' Ghlinn Mhòir air Gleann Urchardain

INBHIR NIS: Urchadan 's Gleann Moireasdan

1810an

tuathanas; tuathanasan; àiteachas

Glenurquhart Heritage Group

Glenurquhart Heritage Group (maps)