Ùrachadh mu Dheireadh 14/07/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Buaidh Sligh'-uisge a' Ghlinn Mhòir air Gleann Urchardain
EXTERNAL ID
PC_GLENURQUHART_JANBELL_MAPS_003_003
ÀITE
Gleann Urchardain
SGÌRE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Urchadan 's Gleann Moireasdan
DEIT
1801
LINN
1810an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Glenurquhart Heritage Group
AITHNEACHADH MAOINE
22724
KEYWORDS
lus-eòlas
lusain
clach-eòlas
tuathanas
tuathanasan
àiteachas

Dh'atharraich àiteachas gu mòr tràth san 19mh linn agus tha am mapa seo de Ghleann Urchardain ann an 1801 a' sealltainn mar a dh'atharraich mapaireachd gus feartan na h-ùrach a dhèanamh soilleir. Tha barrachd chomharraidhean air an cleachdadh gus sealltainn an t-seòrsa de chlach-eòlas agus de lusan a lorgadh ann an diofar sgìre de Ghleann Urchardain.

Tha na facail-sanais 'improvable ground' air a sgrìobhadh ann. Sna deicheadan bhliadhnaichean roimhe, cha ghabhadh talamh a leasachadh ach le duilgheadas. Tràth san 19mh linn thachair dà rud ùr a leig le leasachadh talmhainn tachairt. 'S e a' chiad rud gun deach acfhainn tuathanais a dhèanamh gu math na b' aotroime agus na bu lugha. Dh'fhosgail seo barrachd talamh ri treabhadh 's ri leasachadh. 'S e an dàrna rud gun do lorg iad a-mach gu robh an talamh na bu torraiche nam biodh dòigh bàrr mu seach ga cleachdadh. Tha bacteria sònraichte aig cuid de lusan a bhios a' tarraing mathas on ùir. Ma thèid lus eile fhàs an uair sin san aon àite gheibh e am mathas a dh'fhàg am bàrr a bh' ann roimhe. 'S e Sir Seumas Grannd 'math', Iarla Rudh' an Òis (Seafield), a thug a-steach dòigh-obrach de chleachdadh bhàrran mu seach do Ghleann Urchardain.

Ged a tha am mapa seo a' sealltainn cho math 's a bha na leasachaidhean ùra don Ghàidhealtachd tha rudan ann nach eil cho math. 'S e aon rud a mhothaicheas duine mun mhap gu bheil na càirn air an soilleireachadh agus tha iad a' moladh gun tèid an toirt air falbh. 'S e stac de chlachan a chaidh an togail le daoine a th' ann an càrn. 'S ann o làithean fada air ais ann an eachdraidh na h-Alba a tha iad (chaidh càrn seòmarach o 3000 RC a lorg ann an Coir' a' Mhonaidh) agus chaidh an togail mar bu trice gus àite tìodhlacaidh a chomharrachadh. 'S e taisbeanadh a th' ann den atharrachadh shòisealta aig an àm agus den dochann ri dualchas an àite gu robh iad den bheachd gur e bacadh do leasachadh na talmhainn a bh' anns na càirn

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Buaidh Sligh'-uisge a' Ghlinn Mhòir air Gleann Urchardain

INBHIR NIS: Urchadan 's Gleann Moireasdan

1810an

lus-eòlas; lusain; clach-eòlas; tuathanas; tuathanasan; àiteachas

Glenurquhart Heritage Group

Glenurquhart Heritage Group (maps)

Dh'atharraich àiteachas gu mòr tràth san 19mh linn agus tha am mapa seo de Ghleann Urchardain ann an 1801 a' sealltainn mar a dh'atharraich mapaireachd gus feartan na h-ùrach a dhèanamh soilleir. Tha barrachd chomharraidhean air an cleachdadh gus sealltainn an t-seòrsa de chlach-eòlas agus de lusan a lorgadh ann an diofar sgìre de Ghleann Urchardain.<br /> <br /> Tha na facail-sanais 'improvable ground' air a sgrìobhadh ann. Sna deicheadan bhliadhnaichean roimhe, cha ghabhadh talamh a leasachadh ach le duilgheadas. Tràth san 19mh linn thachair dà rud ùr a leig le leasachadh talmhainn tachairt. 'S e a' chiad rud gun deach acfhainn tuathanais a dhèanamh gu math na b' aotroime agus na bu lugha. Dh'fhosgail seo barrachd talamh ri treabhadh 's ri leasachadh. 'S e an dàrna rud gun do lorg iad a-mach gu robh an talamh na bu torraiche nam biodh dòigh bàrr mu seach ga cleachdadh. Tha bacteria sònraichte aig cuid de lusan a bhios a' tarraing mathas on ùir. Ma thèid lus eile fhàs an uair sin san aon àite gheibh e am mathas a dh'fhàg am bàrr a bh' ann roimhe. 'S e Sir Seumas Grannd 'math', Iarla Rudh' an Òis (Seafield), a thug a-steach dòigh-obrach de chleachdadh bhàrran mu seach do Ghleann Urchardain.<br /> <br /> Ged a tha am mapa seo a' sealltainn cho math 's a bha na leasachaidhean ùra don Ghàidhealtachd tha rudan ann nach eil cho math. 'S e aon rud a mhothaicheas duine mun mhap gu bheil na càirn air an soilleireachadh agus tha iad a' moladh gun tèid an toirt air falbh. 'S e stac de chlachan a chaidh an togail le daoine a th' ann an càrn. 'S ann o làithean fada air ais ann an eachdraidh na h-Alba a tha iad (chaidh càrn seòmarach o 3000 RC a lorg ann an Coir' a' Mhonaidh) agus chaidh an togail mar bu trice gus àite tìodhlacaidh a chomharrachadh. 'S e taisbeanadh a th' ann den atharrachadh shòisealta aig an àm agus den dochann ri dualchas an àite gu robh iad den bheachd gur e bacadh do leasachadh na talmhainn a bh' anns na càirn