Ùrachadh mu Dheireadh 03/08/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Bail' MhicCathain
EXTERNAL ID
PC_GLENURQUHART_JANBELL_MAPS_004_001
ÀITE
Gleann Urchardain
SGÌRE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Urchadan 's Gleann Moireasdan
DEIT
1873
LINN
1870an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Glenurquhart Heritage Group
AITHNEACHADH MAOINE
22726
KEYWORDS
tionndadh a' ghnìomhachais
Ceilteach
cumadh-tìre

Air a' mhap seo chithear am fearann air cùl Druim na Drochaid, agus mapa mionaideach de Bhail' MhicCathain. Ged nach eil ceann-là air a' mhap fhèin, tha rudan follaiseil ann. Tha iomadh muilinn ann - agus bha glè bheag de theicneòlas ghnìomhachais ann an Gleann Urchardain gu ruig tràth san 19mh linn.

Tha rudan air a' mhap seo a tha a' sealltainn nan atharrachaidhean a bh' ann aig an àm sin. 'S e as follaisiche gu bheil Beurla is Gàidhlig ann am measg a chèile. Cuideachd tha grùnn àite ann le 'sheepfold' sgrìobhte riutha. 'S ann san 19mh linn a bha na fuadaichean. Thòisich na h-uachdarain Bheurlaichte, aig an robh sinnsearan a ghabh taobh muinntir Hanòbhair an aghaidh nan Seumasach, a' briseadh siostam nan croitean gus tuathanais mhòra de chaoraich a thogail suas. Tha am facal Beurla a chaidh a chleachdadh, 'sheepfolds', airson nan crò is nam faingean, a' sealltainn gun deach an ainmeachadh le uachdarain na Beurla. Tha cnoc ann den ainm Tòrr nam Muilinn, ach tha na muilnean fhèin le ainmean Beurla orra, mar a tha na h-oifigean 's na taighean-seinnse. A dh'aindeoin seo, tha a' chuid as motha de chomharraidhean-tìre, leithid bheanntan is lochan, le ainmean Gàidhlig orra. Tha seo a' sealltainn gur e a' Ghàidhlig a' chànain a bh' aig a' ghrunnan chroitearan a bh' ann agus a bh' aig oirean nam bailtean, ach nach b' e a' chànain a bh' aig na h-uachdarain no aig na sgrìobhadairean lagha.

Tha na sgrìobhaidhean mionaideach air a' mhap, còmhla ris na h-ainmean agus na togalaichean, a' sealltainn gun deach a dhèanamh ann am meadhan no anmoch san 19mh linn. Tha glè bheag ann mu chomharraidhean nàdarra. Tha na coilltean uile air an sealltainn coltach ri chèile, chan eil diofar ùir no diofar bhàrr air sealltainn, agus chan eil guth air cho àrd 's a tha na beanntan

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Bail' MhicCathain

INBHIR NIS: Urchadan 's Gleann Moireasdan

1870an

tionndadh a' ghnìomhachais; Ceilteach; cumadh-tìre

Glenurquhart Heritage Group

Glenurquhart Heritage Group (maps)

Air a' mhap seo chithear am fearann air cùl Druim na Drochaid, agus mapa mionaideach de Bhail' MhicCathain. Ged nach eil ceann-là air a' mhap fhèin, tha rudan follaiseil ann. Tha iomadh muilinn ann - agus bha glè bheag de theicneòlas ghnìomhachais ann an Gleann Urchardain gu ruig tràth san 19mh linn.<br /> <br /> Tha rudan air a' mhap seo a tha a' sealltainn nan atharrachaidhean a bh' ann aig an àm sin. 'S e as follaisiche gu bheil Beurla is Gàidhlig ann am measg a chèile. Cuideachd tha grùnn àite ann le 'sheepfold' sgrìobhte riutha. 'S ann san 19mh linn a bha na fuadaichean. Thòisich na h-uachdarain Bheurlaichte, aig an robh sinnsearan a ghabh taobh muinntir Hanòbhair an aghaidh nan Seumasach, a' briseadh siostam nan croitean gus tuathanais mhòra de chaoraich a thogail suas. Tha am facal Beurla a chaidh a chleachdadh, 'sheepfolds', airson nan crò is nam faingean, a' sealltainn gun deach an ainmeachadh le uachdarain na Beurla. Tha cnoc ann den ainm Tòrr nam Muilinn, ach tha na muilnean fhèin le ainmean Beurla orra, mar a tha na h-oifigean 's na taighean-seinnse. A dh'aindeoin seo, tha a' chuid as motha de chomharraidhean-tìre, leithid bheanntan is lochan, le ainmean Gàidhlig orra. Tha seo a' sealltainn gur e a' Ghàidhlig a' chànain a bh' aig a' ghrunnan chroitearan a bh' ann agus a bh' aig oirean nam bailtean, ach nach b' e a' chànain a bh' aig na h-uachdarain no aig na sgrìobhadairean lagha. <br /> <br /> Tha na sgrìobhaidhean mionaideach air a' mhap, còmhla ris na h-ainmean agus na togalaichean, a' sealltainn gun deach a dhèanamh ann am meadhan no anmoch san 19mh linn. Tha glè bheag ann mu chomharraidhean nàdarra. Tha na coilltean uile air an sealltainn coltach ri chèile, chan eil diofar ùir no diofar bhàrr air sealltainn, agus chan eil guth air cho àrd 's a tha na beanntan