Ùrachadh mu Dheireadh 03/08/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Gleann Albainn
EXTERNAL ID
PC_GLENURQUHART_JANBELL_MAPS_004_002
ÀITE
Bàgh Urchardain
SGÌRE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Urchadan 's Gleann Moireasdan
DEIT
1873
LINN
1870an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Glenurquhart Heritage Group
AITHNEACHADH MAOINE
22727
KEYWORDS
beinn
eachdraidh creideimh
seilbh talmhainn
luach
eaconamaidh àiteachais

Tha stoidhle a' mhapa seo coltach ris an fhear air an dealbh roimhe. Tha e inntinneach gu bheil bàgh Ghleann Urchardain air a shealltainn le loidhnichean co-chearcallach gus an tuigear gu bheil an t-uisge a' dol nas doimhne mar a thèid thu mach bhon tràigh. Tha seo àraid bho nach eil am map ag innse dad mu àirde nam beanntan timcheall air Gleann Urchardain. Tha seo a' sealltainn gu robh barrachd meas aig daoine air an sgìre air sgàth a slighean uisge na mar shlighe siubhail tìre.

Rud neònach eile sa mhap seo, 's e sin gu bheil a' ghiùthsach air Creag an Fhèidh air a comharrachadh le aon seòrsa dealbh ach tha na craobhan seargach foidhpe air an comharrachadh le dealbh diofraichte. Tha seo inntinneach bho nach eil comharra eile ann a' riochdachadh fearainn fo lusan a chaidh an cur. Tha seo ag innse gu robh glè bheag de dh'ùidh aig muinntir nam mapa san sgìre seo mar àite torrach.

A bharrachd air a bhith a' fàgail bhàrran gun chomharra, chan eil am mapa a' sealltainn thogalaichean mòra sam bith ann an Druim na Drochaid. Tha e cuideachd a' sealltainn gun deach am baile a thogail bho thoiseach pìos math on loch. An-diugh tha togalaichean gu leòr air an rèidhlean faisg air an loch ach aig an àm sin bhiodh barrachd talamh fo àiteachadh ann aig an ionad seo. Ach tha glè bheag de chomharraidhean-tìre a rinn daoine rim faicinn idir air a' mhap.

Tha e inntinneach gur e an 'Supposed Site of the Knights Templar's Chapel' fear de na rudan a tha ann. Chan eil cus fios sgrìobhte air a' chuspair seo agus 's dòcha nach eil ann ach sgeulachd gun bhrìgh. Chaidh na Ridirean Teampallach agus am Bhatican a-mach air a chèile sa 14mh linn. Chaidh mòran de na ridirean am murt fo òrdugh an rìgh Fhrangaich (chan ann leis a' Phàp mar a chaidh a ràdh tric). Ann an Alba tha ìre lethach-uirsgeulach aig na Ridirean Teampallach. 'S e na Ridirean sin a bhuannaich blàr Allt a' Bhonnaich do na h-Albannaich thar na Sasannaich, a rèir aithris

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Gleann Albainn

INBHIR NIS: Urchadan 's Gleann Moireasdan

1870an

beinn; eachdraidh creideimh; seilbh talmhainn; luach; eaconamaidh àiteachais

Glenurquhart Heritage Group

Glenurquhart Heritage Group (maps)