Ùrachadh mu Dheireadh 12/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Bàgh Urchadain
EXTERNAL ID
PC_GLENURQUHART_JANBELL_MAPS_004_003
ÀITE
Gleann Urchadain
SGÌRE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Urchadan 's Gleann Moireasdan
DEIT
1873
LINN
1870an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Glenurquhart Heritage Group
AITHNEACHADH MAOINE
22728
KEYWORDS
uisgeachadh
coilltean
coille
tuineachadh
tuathanachas
achannan
Naomh Ninnein

Tha an sgìre de Ghleann Urchardain a tha ri taobh an locha air a shealltainn air a' mhapa seo. Chì thu nach eil Lewiston, clachan air Abhainn Coilltidh, idir air a sgrìobhadh ann. Tha seo a' toirt fianais, ge be cho cudromach 's a bha e a thaobh an eaconamaidh, nach robh ann ach baile beag an toiseach agus nach do ghluais e gu na b' fhaisge air an loch gu às dèidh clo-bhualadh a' mhapa seo.

'S e comharra eile a tha a' sealltainn diofar luach san fhearann ann an Druim na Drochaid, nach eil sgeul air leasachadh san talamh timcheall air sgìre Pitkerrald. Sa mhap tha coilltean dlùtha san sgìre seo aig an àm sin, ged a thàinig e gu bhith na mheadhan do dh'àiteachan-fuirich ann an Druim na Drochaid às dèidh siud.

Ged nach eil cus eile sgrìobhte air an sgìre, 's fhiach e fhaicinn gu bheil Taigh-seinnse Inbhir Nis/Inbhir Mhoireasdain air a chomharrachadh. Tha seo ag innse nach biodh cus diù aig na daoine a leughadh am map seo, na daoine beartach, air a' bhaile fhèin. Tha tiotal an taigh-seinnse seo cuideachd a' sealltainn cho beag 's a bhiodh ann de luchd-siubhail don ghleann seo. Bhiodh an dà àite, Inbhir Mhoireasdain agus Inbhir Nis, air an ruighinn air an uisge sa chumantas. Tha e a' sealltainn nach robh cus siubhail ann thar slighean tìre, leithid on Mhanachainn no o Inbhir Pheofharain, far nach robh slighe uisge ann

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Bàgh Urchadain

INBHIR NIS: Urchadan 's Gleann Moireasdan

1870an

uisgeachadh; coilltean; coille; tuineachadh; tuathanachas; achannan; Naomh Ninnein

Glenurquhart Heritage Group

Glenurquhart Heritage Group (maps)

Tha an sgìre de Ghleann Urchardain a tha ri taobh an locha air a shealltainn air a' mhapa seo. Chì thu nach eil Lewiston, clachan air Abhainn Coilltidh, idir air a sgrìobhadh ann. Tha seo a' toirt fianais, ge be cho cudromach 's a bha e a thaobh an eaconamaidh, nach robh ann ach baile beag an toiseach agus nach do ghluais e gu na b' fhaisge air an loch gu às dèidh clo-bhualadh a' mhapa seo.<br /> <br /> 'S e comharra eile a tha a' sealltainn diofar luach san fhearann ann an Druim na Drochaid, nach eil sgeul air leasachadh san talamh timcheall air sgìre Pitkerrald. Sa mhap tha coilltean dlùtha san sgìre seo aig an àm sin, ged a thàinig e gu bhith na mheadhan do dh'àiteachan-fuirich ann an Druim na Drochaid às dèidh siud.<br /> <br /> Ged nach eil cus eile sgrìobhte air an sgìre, 's fhiach e fhaicinn gu bheil Taigh-seinnse Inbhir Nis/Inbhir Mhoireasdain air a chomharrachadh. Tha seo ag innse nach biodh cus diù aig na daoine a leughadh am map seo, na daoine beartach, air a' bhaile fhèin. Tha tiotal an taigh-seinnse seo cuideachd a' sealltainn cho beag 's a bhiodh ann de luchd-siubhail don ghleann seo. Bhiodh an dà àite, Inbhir Mhoireasdain agus Inbhir Nis, air an ruighinn air an uisge sa chumantas. Tha e a' sealltainn nach robh cus siubhail ann thar slighean tìre, leithid on Mhanachainn no o Inbhir Pheofharain, far nach robh slighe uisge ann