Ùrachadh mu Dheireadh 12/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Coille Bhail' MhicCathain
EXTERNAL ID
PC_GLENURQUHART_JANBELL_MAPS_004_004
ÀITE
Baile Mhic Cathain
SGÌRE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Urchadan 's Gleann Moireasdan
DEIT
1873
LINN
1870an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Glenurquhart Heritage Group
AITHNEACHADH MAOINE
22729
KEYWORDS
coilltean
seòrsachan chraobhan

Tha dealbh de Choille Bhail' MhicCathain air a' mhap seo. Thàinig a' choille seo a-rithist gu bhith na h-oighreachd mhòr airson sealgaireachd. Ged nach eil còd ann ag innse dè na seòrsachan diofraichte de lusan a tha a' fàs, 's dòcha gur ann air sgàth an diofair sna craobhan a tha a' fàs ann an Gleann Urchardain, giùthsach agus seargach, a tha na comharraidhean eadar-dhealaichte.

'S e craobhan beithe as motha a tha a' fàs sa Ghleann a thaobh chraobhan seargach. Dh'fhàs iad seo glè phailt aig àm Linn an Deigh. Tha iomadh giuthas Dhùbhghlais is giuthas Albannach rin lorg ann an sgiìe Ghleann Urchardain. Ged a chaidh iomadh craobh giuthais a chur ann an raointean planntais, a' cur dreach rèidh air an fhearann, 's ann sna dòighean ùra san 20mh linn a thachair a' chuid a bu mhotha dhe seo. Sheall an Dàrna Cogadh dhuinn cho furast 's a bha e stuth a tha a' tighinn a-steach o thall thairis a chall, agus mar sin chaidh coilltean an cur a bheireadh seachad an torradh a bu mhotha de dh'fhiodh.

Aig aon àm 's ann sa choille seo a bha taigh eireachdail Bhail' MhicCathain. Gu mì-fhortanach, chaidh an taigh a leigeil bhuaithe a dhol na thobhta agus mu dheireadh thall chaidh a leagail

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Coille Bhail' MhicCathain

INBHIR NIS: Urchadan 's Gleann Moireasdan

1870an

coilltean; seòrsachan chraobhan

Glenurquhart Heritage Group

Glenurquhart Heritage Group (maps)

Tha dealbh de Choille Bhail' MhicCathain air a' mhap seo. Thàinig a' choille seo a-rithist gu bhith na h-oighreachd mhòr airson sealgaireachd. Ged nach eil còd ann ag innse dè na seòrsachan diofraichte de lusan a tha a' fàs, 's dòcha gur ann air sgàth an diofair sna craobhan a tha a' fàs ann an Gleann Urchardain, giùthsach agus seargach, a tha na comharraidhean eadar-dhealaichte.<br /> <br /> 'S e craobhan beithe as motha a tha a' fàs sa Ghleann a thaobh chraobhan seargach. Dh'fhàs iad seo glè phailt aig àm Linn an Deigh. Tha iomadh giuthas Dhùbhghlais is giuthas Albannach rin lorg ann an sgiìe Ghleann Urchardain. Ged a chaidh iomadh craobh giuthais a chur ann an raointean planntais, a' cur dreach rèidh air an fhearann, 's ann sna dòighean ùra san 20mh linn a thachair a' chuid a bu mhotha dhe seo. Sheall an Dàrna Cogadh dhuinn cho furast 's a bha e stuth a tha a' tighinn a-steach o thall thairis a chall, agus mar sin chaidh coilltean an cur a bheireadh seachad an torradh a bu mhotha de dh'fhiodh.<br /> <br /> Aig aon àm 's ann sa choille seo a bha taigh eireachdail Bhail' MhicCathain. Gu mì-fhortanach, chaidh an taigh a leigeil bhuaithe a dhol na thobhta agus mu dheireadh thall chaidh a leagail