Ùrachadh mu Dheireadh 03/08/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Map Ghleann Urchardain
EXTERNAL ID
PC_GLENURQUHART_JANBELL_MAPS_004_005
ÀITE
Gleann Urchardain
SGÌRE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Urchadan 's Gleann Moireasdan
DEIT
1873
LINN
1870an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Glenurquhart Heritage Group
AITHNEACHADH MAOINE
22730
KEYWORDS
cumadh-tìre
àirde

Ann an stoidhle, tha a h-uile coltas air an duilleig seo gu bheil e na phàirt den mhap na bu mhotha a bha sna ceithir dealbhan bho dheireadh. Nam biodh sin ceart, cha bhiodh mapaire o na 1870an air fios mionaideach sam bith a chur sa mhap mu chleachdadh na talmhainn no mu thogalaichean cudromach.

'S e oifigearan an airm a rinn a' chuid a bu mhotha den obair sgrùdaidh, tha e 'g ràdh. 'S dòcha bhon 's e an t-arm a leasaich bun-structar an àite a thachair seo. Cha robh cus spàirn gus an talamh a leasachadh leis mar a bha an talamh aig na h-uachdarain. Leis mar a bha àireamhan nam beathaichean, gu sònraichte caoraich, air fàs, cha robh cus adhbhair ann aig na h-uachdarain a bhith a' dèanamh rathaidean no slighean uisge na b' fheàrr. Cha robh cus dhòighean anns an gabhadh na leasachaidhean teicneòlasach san 19mh linn an cleachdadh san eaconamaidh dhùthchail, agus mar sin 's e an riaghaltas a thug a-steach buannachdan an ar-a-mach ghnìomhachasaich do na sgìrean dùthchail.

A chionn 's gur e an riaghaltas a rinn an tomhas agus a thug ann na slighean-uisge, tha am map air a bhith air a chunbhalachadh gus am freagair e ri dòighean impireachd Bhreatainn. Gabhaidh seo fhaicinn san dòigh sa bheil gach àirde air a thomhas o ìre na mara ann an Liverpool. Bha Alba is Sasainn cho ceangailte anmoch san 19mh linn gu robh siostam cumanta airson ìre na mara air aontachadh o na 1870an.

Ged a tha feartan sa mhap a tha a' sealltainn an aontachadh eadar Alba is Sasainn, tha feartan eile ann a tha a' sealltainn mì-aonta am measg muinntir Alba fhèin. Tha e inntinneach gu bheil Sgoil na h-Eaglais Saoir air a' mhap seo. Tha sin ag innse cho luath 's a sgaoil buaidh Bhriseadh na h-Eaglaise air feadh Alba. A chionn 's gur e Eaglais na h-Alba a bha a' dèanamh foghlaim suas gu àm Achd an Fhoghlaim, bha buaidh mhòr aig seo air teagasg.

Tha dealbh de loidse Dhìobhach ann cuideachd. Fhuair iomadh duine ainmeil aoigheachd an seo, nam measg Anthony Trollope is Henry Irving

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Map Ghleann Urchardain

INBHIR NIS: Urchadan 's Gleann Moireasdan

1870an

cumadh-tìre; àirde

Glenurquhart Heritage Group

Glenurquhart Heritage Group (maps)