Ùrachadh mu Dheireadh 03/08/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Abhainn Eanraig
EXTERNAL ID
PC_GLENURQUHART_JANBELL_MAPS_004_006
ÀITE
Abhainn Eanraig
SGÌRE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Urchadan 's Gleann Moireasdan
DEIT
1873
LINN
1870an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Glenurquhart Heritage Group
AITHNEACHADH MAOINE
22731
KEYWORDS
uisgeachadh
fuarain
tionndadh a' ghnìomhachais

Tha Abhainn Eanraig na meadhan don mhap seo. 'S ann a chionn 's gu robh drochaid ann a-riamh thar an Eanraig a fhuair am baile an t-ainm Druim na Drochaid.

Ged is ann timcheall air an drochaid a bha a' chuid a bu mhotha a' fuireach, chaidh baile ùr a thogail na b' fhaide suas Abhainn Eanraig air na chuir iad Baile na Muilne no Milton. Bha seo a' freagairt mar a bha an eaconamaidh ag atharrachadh san 18mh linn. Bha siostam na croitearachd a bh' ann air tighinn gu crìch, agus siostam de thuathanasan mòra de chaoraich na àite. A chionn 's nach robh eaconamaidh cothromach a' tighinn tuilleadh às na tuathanasan beaga, rinn an t-uachdaran, Sir Seumas Grannd 'math', bun-stèidh gnìomhachais dèanamh-le-làimh airson eaconamaidh Ghleann Urchardain - agus thàinig Baile na Muilne às.

Tha e inntinneach gu bheil an t-ainm 'Milton' air a litreachadh mar sin air a' mhap. Thàinig litreachadh cunbhalach ann an Alba agus ann an Sasainn a bhith an t-aon rud. Tha e cuideachd inntinneach gur e faclan Beurla a tha san ainm. A chionn 's gur e Sir Seumas Grannd a leasaich agus a dh'ainmich an t-àite, tha e a' sealltainn gu robh na h-uachdarain gu mòr air am Beurlachadh aig an àm.

Air an làimh eile, tha barrachd is barrachd ainmean-àite Gàidhlig a' nochdadh san dùthaich timcheall air Druim na Drochaid - ach gu bheil e follaiseach gu bheil an t-ainm air aon eas air a thoirt seachad ann am Beurla an àite na Gàidhlig. 'S dòcha gur ann bhon chaidh am map a dheilbh airson luchd-turais na Beurla a bha seo agus 's ann airson seo gur ann ann am Beurla a tha ainmean chomharraidhean-tìre agus sgìrean leasaichte.

Ach sna raointean mòra de dh'fhearainn timcheall air Druim na Drochaid nach robh air an àiteachadh, bha ainmean Gàidhlig a' fàs na bu chumanta. Tha am map a' feuchainn ri sealltainn an talamh bheanntanach le bhith a' cleachdadh dhealbhan beaga de bheanntan comhla ri àireamhan (a' comharrachadh àirde ìmpireil os cionn ìre na mara ann an Liverpool). 'S dòcha gu bheil seo na fhianais nach robh loidhnichean cumadh-tìre air an cleachdadh gu cunbhalach aig an àm a chaidh am map a ghearradh

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Abhainn Eanraig

INBHIR NIS: Urchadan 's Gleann Moireasdan

1870an

uisgeachadh; fuarain; tionndadh a' ghnìomhachais

Glenurquhart Heritage Group

Glenurquhart Heritage Group (maps)