Ùrachadh mu Dheireadh 03/08/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Druim na Drochaid
EXTERNAL ID
PC_GLENURQUHART_JANBELL_MAPS_004_007
ÀITE
Druim na Drochaid
SGÌRE
An Àird
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Urchadan 's Gleann Moireasdan
DEIT
1873
LINN
1870an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Glenurquhart Heritage Group
AITHNEACHADH MAOINE
22732
KEYWORDS
foghlam
bailtean
calpachas
eaconamaidh saothrachaidh
cleachdadh fearainn

Tha am map seo a' sealltainn grunnan de na h-atharrachaidhean ann an Gleann Urchardain. Tha e follaiseach gu bheil sgoil faisg air Taigh-seinnse Dhruim na Drochaid, far a bheil an-diugh Ionad Turasachd Ghleann Urchardain. Bha am baile air a stèidheachadh air an druim seo an toiseach, agus 's ann mar sin a fhuair e ainm.

Mar sin tha e coltach gur ann ro Achd an Fhoghlaim, nuair a ghabh an riaghaltas thairis teagasg na cloinne on eaglais, a chaidh am map a dhèanamh. Chuir an Stàit sgoil mhòr ann an Cùl an Lòin. Ghabh seo àite iomadh sgoil bhig san sgìre.

'S e comharra eile de dh'atharrachadh sòisealta gu bheil sgìre ghnìomhachais Lewiston a-staigh sa mhap. 'S e ainm air baile eile a bha seo roimhe, baile air an robh feum air solar uisge agus mar sin chaidh a ghluasad na b' fhaisg air abhainn Coilltidh. Chan eil mòran ann ag innse mu na togalaichean cudromach sa bhaile seo, agus tha seo na fhianais nach robh cus ùidh aig na mapairean air rudan teicneòlasach no eaconamach san sgìre.

Tha mòran achaidhean ann, ach tha am baile fhathast air a chuairteachadh le slèibhtean coillteach, mar a chithear sa mhap. Thàinig daoine a dh'fhuireach ann an Druim na Drochaid air sgàth na talmhainn torraich agus air sgàth an uisgeachaidh a bha a' tighinn bho aibhnichean Eanraig is Coilltidh. Mar a dh'fhàs àireamh an t-sluaigh 's ann a thàinig cudrom air dòighean gus an talamh a bheartachadh agus gus an torradh a mheudachadh. Aig an aon àm, bha fhios aca gum feumadh tòrr den choille fuireach mar a bha e.

Tha dà mhuilinn fhiodha taobh a-muigh na coille. Tha e inntinneach gu bheil ainmean Beurla orra, a' sealltainn gu robh an teicneòlas san sgìre air ainmeachadh le facail Beurla

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Druim na Drochaid

INBHIR NIS: Urchadan 's Gleann Moireasdan

1870an

foghlam; bailtean; calpachas; eaconamaidh saothrachaidh; cleachdadh fearainn

Glenurquhart Heritage Group

Glenurquhart Heritage Group (maps)