Ùrachadh mu Dheireadh 03/08/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Cill Targhlain is Confhadach
EXTERNAL ID
PC_GLENURQUHART_JANBELL_MAPS_004_008
ÀITE
Cill Targhlain is Confhadach
SGÌRE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Cill Taraghlain 's Confhadhach
DEIT
1874
LINN
1870an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Glenurquhart Heritage Group
AITHNEACHADH MAOINE
22733
KEYWORDS
àiteachas
leasachadh talmhainn
beinn
cumadh-tìre na Gàidhealtachd

Tha e ri fhaicinn gun deach am map seo a chlo-bhualadh mus deach talla a' Bhlàir Bhig a thogail. Ach bha an sgoil sgìreil ann an Cùl an Lòin ann aig an àm. Nuair a chaidh am map a dhèanamh bhiodh an sgoil seo dìreach aon a-mach à iomadh tè san sgìre agus bhiodh foghlam bunaiteach air a thoirt seachad don chlainn annta. Ann an 1893 bha an sgoil seo a-nis na meadhan aig foghlam sgoile air feadh a' Ghlinn.

Ged a tha am map seo glè choltach ris an fhear roimhe, tha am fearann os cionn baile Ghleann Urchardain air a thoirt a-steach ann cuideachd. Chì thu bhuaithe an t-adhbhar a bha an Gleann ìseal cho luachmhor: bha an leithid de thalamh timcheall air a' bhaile nach gabhadh àiteachadh, sgìre gu math na bu mhotha na am baile fhèin.

Tha iomadach tobar air a chomharrachadh air a' mhap seo agus tha seo a' sealltainn gu robh na tobraichean fhathast gu math cudromach aig an àm seo, ged a bha an t-uabhas uisge san sgìre timcheall. 'S fhada bhon bha fios an toiseach air tobraichean ann an uirsgeulan agus sgeulachdan slànachaidh. Nam measg tha an cunntas aig an Aba Adamnan mun Naomh Cholm Chille, far a bheil aithris air mar a bheannaich Colm Cille tobar le uisge loibht', agus mar a thàinig e gu bhith na thobar de dh'uisge fìor-ghlan. Bha tobraichean a-riamh cudromach ann an dualchas na h-Alba, rud a tha a' dearbhadh cho fìor chudromach 's a bha iad ri daoine sna sgìrean dùthchail.

'S e rud inntinneach eile a tha sa mhap seo an taigh-deigh. Mar a chithear le iomadh rud ùr san 19mh linn tha tiotal Beurla air a thoirt dha. 'S e an taigh-deigh a chaidh a chleachdadh mus tàinig an reothadair a th' ann an-diugh. 'S e àite a bh' ann far an robh am biadh air a chumail fuar, reòidhte gus am biodh bacteria agus cnuimhean air am marbhadh. 'S e tha neònach, ge ta, cho fada 's a tha e bho mheadhan a' bhaile. Tha seo a' toirt a' chreids gur ann leis an oighreachd a bha e, 's gu robh e air a chleachdadh airson sitheann. Cha bhiodh mòran bìdh a dheidheadh loibht' aig na croitearan leis mar a bhiodh iad a' roinn am beagan a bhiodh aca - air neo bhiodh iad ga shailleadh no ga cheothadh

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Cill Targhlain is Confhadach

INBHIR NIS: Cill Taraghlain 's Confhadhach

1870an

àiteachas; leasachadh talmhainn; beinn; cumadh-tìre na Gàidhealtachd

Glenurquhart Heritage Group

Glenurquhart Heritage Group (maps)