Ùrachadh mu Dheireadh 12/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Coir' a' Mhonaidh
EXTERNAL ID
PC_GLENURQUHART_JANBELL_MAPS_005_003
ÀITE
Coir' a' Mhonaidh
SGÌRE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Urchadan 's Gleann Moireasdan
DEIT
1874
LINN
1870an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Glenurquhart Heritage Group
AITHNEACHADH MAOINE
22736
KEYWORDS
sìobhaltachd ro àm Chrìosd
Cruithnich
Cruithneach
Ceiltich
Ceilteach

Bha Coir' a' Mhonaidh uaireigin deatamach do dh'oighreachd Rudh' an Òis no Seafield. A chionn 's gun do chuidich Sir Seumas Grannd ann an leasachadh mhuilnean gnìomhasach ann an Druim na Drochaid anmoch san 18mh linn, thàinig Druim na Drochaid gu bhith na mheadhan airson taighean a thogail. Dh'fhuirich Coir' a' Mhonaidh mar a bha e - na choimhearsnachd tuathanachais, agus, san aon dòigh ri sgìrean dùthchail eile ann an Alba, thòisich àireamh an t-sluaigh an sin a' dol sìos gu mòr san 19mh linn. Às dèidh sin thug turasachd beagan cuideachaidh don eaconamaidh ann an Druim na Drochaid, ach cha d' fhuair Coir' a' Mhonaidh sin. A dh'aindeoin mar a chaidh e sìos a thaobh àireamh an t-sluaigh agus a thaobh eaconamaidh, tha iomadh rud aig Coir' a' Mhonaidh a tha ga fhàgail na sgìre a tha tlachdmhor do dhaoine a bhios a' fuireach ann.

Air an adhbhar seo, 's dòcha gun robh daoine a' fuireach ann an Coir' a' Mhonaidh mus tàinig iad a Ghleann Urchardain. Tha an Càrn Seòmarach ann an Coir' a' Mhonaidh, air a chomharrachadh air a' mhap, a' toirt fianais air a seo. Tha arc-eòlaichean an-diugh a' creidsinn gun deach an càrn-tiodhlacaidh seo a thogail mu 5000 bliadhna air ais. Tha cùirn fhathast nam pàirt de dhualchas na h-Alba, agus tha iad air a bhith air an cleachdadh fad mhìltean de bhliadhnaichean airson àite-laighe nam marbh a chomharrachadh.

Chithear on mhap nach eil Coir' a' Mhonaidh cho fasgach ri Druim na Drochaid agus chan eil e faisg air an loch. Chan eil, ge-tà, uiread de bheanntan no de choilltean ann 's a bh' ann an Druim na Drochaid. 'S dòcha gun do dh'fhàg seo e na bu tarraingiche do luchd-àiteachaidh tràth ann an Alba a bha ann ro àm Chrìosd.

Tha seann rud eile bho eachdraidh air a chomharrachadh cuideachd: crois a thugadh às a' chaibeal aig na Ridirean Teampallach. Bha an togalach seo, a rèir aithris, san ionad far an robh caibeal an Naoimh Ninnein roimhe, faisg air cidhe an Teampaill. Ged nach eil daoine a' dèanamh ach tuairmse gun robh na Ridirean Teampallach a' fuireach san sgìre, tha beagan fianais ann gu bheil seo ceart

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Coir' a' Mhonaidh

INBHIR NIS: Urchadan 's Gleann Moireasdan

1870an

sìobhaltachd ro àm Chrìosd; Cruithnich; Cruithneach; Ceiltich; Ceilteach

Glenurquhart Heritage Group

Glenurquhart Heritage Group (maps)