Ùrachadh mu Dheireadh 03/08/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Coir' a' Mhonaidh
EXTERNAL ID
PC_GLENURQUHART_JANBELL_MAPS_005_004
ÀITE
Coir' a' Mhonaidh
SGÌRE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Urchadan 's Gleann Moireasdan
DEIT
1874
LINN
1870an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Glenurquhart Heritage Group
AITHNEACHADH MAOINE
22737
KEYWORDS
aitreabh
tuathanachas
àiteachas
cumadh-tìre
pàtrain-tuineachaidh

'S e Coir' a' Mhonaidh sgìre nach robh cho làn dhaoine gu bitheanta 's a bha Druim na Drochaid, ach air an robh fìor luach a thaobh àiteachais. Tha am map a' sealltainn gun robh na bu lugha de dh'uisgeachadh ann na bh' ann an Druim na Drochaid. Cuideachd fhad 's a tha a' chuid as motha de Dhruim na Drochaid air a thogail air talamh ìseal, rèidh eadar aibhnichean an Eanraig is a' Choilltidh, tha am fearann ann an Coir' a' Mhonaidh caran garbh, cnapach.

Mar sin, bha na bu lugha de dhaoine a' fuireach ann an Coir' a' Mhonaidh, ach bha am fearann air a chleachdadh gu mòr airson tuathanachas nan caorach. Gabhaidh cho mòr 's a bha an talamh gun àiteachadh san sgìre fhaicinn air a' mhap seo, agus cuideachd cho beag 's a bha am fearann air an robh daoine a' fuireach.

Thog Oighreachd Rudh' an Òis (Seafield) aitreabh mòr san sgìre, ach chan eil fhios an deach a thogail air sgàth cho beag 's a bha àireamh an t-sluaigh no a dh'aindeoin sin. 'S e Taigh Choir' a' Mhonaidh a bha seo, agus tha ainm sgrìobht air a' mhap, ach chaidh an taigh a leagail às dèidh seo

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Coir' a' Mhonaidh

INBHIR NIS: Urchadan 's Gleann Moireasdan

1870an

aitreabh; tuathanachas; àiteachas; cumadh-tìre; pàtrain-tuineachaidh;

Glenurquhart Heritage Group

Glenurquhart Heritage Group (maps)

'S e Coir' a' Mhonaidh sgìre nach robh cho làn dhaoine gu bitheanta 's a bha Druim na Drochaid, ach air an robh fìor luach a thaobh àiteachais. Tha am map a' sealltainn gun robh na bu lugha de dh'uisgeachadh ann na bh' ann an Druim na Drochaid. Cuideachd fhad 's a tha a' chuid as motha de Dhruim na Drochaid air a thogail air talamh ìseal, rèidh eadar aibhnichean an Eanraig is a' Choilltidh, tha am fearann ann an Coir' a' Mhonaidh caran garbh, cnapach.<br /> <br /> Mar sin, bha na bu lugha de dhaoine a' fuireach ann an Coir' a' Mhonaidh, ach bha am fearann air a chleachdadh gu mòr airson tuathanachas nan caorach. Gabhaidh cho mòr 's a bha an talamh gun àiteachadh san sgìre fhaicinn air a' mhap seo, agus cuideachd cho beag 's a bha am fearann air an robh daoine a' fuireach.<br /> <br /> Thog Oighreachd Rudh' an Òis (Seafield) aitreabh mòr san sgìre, ach chan eil fhios an deach a thogail air sgàth cho beag 's a bha àireamh an t-sluaigh no a dh'aindeoin sin. 'S e Taigh Choir' a' Mhonaidh a bha seo, agus tha ainm sgrìobht air a' mhap, ach chaidh an taigh a leagail às dèidh seo