Ùrachadh mu Dheireadh 12/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Loch Meikle
EXTERNAL ID
PC_GLENURQUHART_JANBELL_MAPS_005_007
ÀITE
Loch Miachdlaidh
SGÌRE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Urchadan 's Gleann Moireasdan
DEIT
1874
LINN
1870an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Glenurquhart Heritage Group
AITHNEACHADH MAOINE
22740
KEYWORDS
mapadh
eòlas-cànain
eaconamaidh fiùdalach

'S e luchd an t-Suirbhidh Òrdanais a bha a' dèanamh a' chuid a bu mhotha de mhapadh Bhreatainn. Tha sin a' sealltainn gun robh mapadh Alba cha mhòr air a dhol an dlùth cheum ri Sasainn ro na 1870an. Chithear cuideachd gur e an t-arm a bha a' dèanamh an sgrùdaidh seo, a chionn 's gun robh an t-arm gu mòr an sàs ann an leasachadh agus meas nan sgìrean dùthchail aig an àm. 'S e naimhdean on taobh a-muigh a bha air aire an airm. Ach air an làimh eile 's ann aig na h-uachdarain fiùdalach a bha a' chuid a bu mhotha den airgead san sgìre. Bha iadsan air tòrr airgid a dhèanamh às an t-siostam de thogail chaorach, siostam a chaidh a leasachadh ann am meadhan an 18mh linn. Bha glè bheag de dh'adhbhar aca a bhith ag atharrachadh no a bhith a' cur a-steach airgead dhan sgìre.

Den ionmhas a bha air a chur a-steach don sgìre, chaidh a' chuid a bu mhotha dheth a chur a-mach air cur-seachadan agus air rudan pearsanta, mar a chithear air a' mhap seo den sgìre ri taobh Loch Meikle. Ann an dealbh eile san t-sreath seo, ghabhadh e fhaicinn gun robh taigh-chon air Loch Meikle air an taobh thall o Ach na Bràighe. Tha e coltach gun robh taigh-chon cuideachd faisg air taigh-seinnse Dhruim na Drochaid. Le fios gun robh an coin fhèin aig tuathanaich, tha seo a' sealltainn mar a bha Gleann Urchardain air fàs gu bhith na ionad cudromach airson sealgaireachd ro anmoch san 19mh linn.

Bha turasachd cuideachd na thaic mòr do dh'eaconamaidh Ghleann Urchardain aig an àm. Anmoch san 19mh linn cha bhiodh mòran luchd-turais ann, ach an fheadhainn a thàinig, bhiodh iad air am meas a bhith a' toirt a-steach malairt don sgìre

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Loch Meikle

INBHIR NIS: Urchadan 's Gleann Moireasdan

1870an

mapadh; eòlas-cànain; eaconamaidh fiùdalach

Glenurquhart Heritage Group

Glenurquhart Heritage Group (maps)

'S e luchd an t-Suirbhidh Òrdanais a bha a' dèanamh a' chuid a bu mhotha de mhapadh Bhreatainn. Tha sin a' sealltainn gun robh mapadh Alba cha mhòr air a dhol an dlùth cheum ri Sasainn ro na 1870an. Chithear cuideachd gur e an t-arm a bha a' dèanamh an sgrùdaidh seo, a chionn 's gun robh an t-arm gu mòr an sàs ann an leasachadh agus meas nan sgìrean dùthchail aig an àm. 'S e naimhdean on taobh a-muigh a bha air aire an airm. Ach air an làimh eile 's ann aig na h-uachdarain fiùdalach a bha a' chuid a bu mhotha den airgead san sgìre. Bha iadsan air tòrr airgid a dhèanamh às an t-siostam de thogail chaorach, siostam a chaidh a leasachadh ann am meadhan an 18mh linn. Bha glè bheag de dh'adhbhar aca a bhith ag atharrachadh no a bhith a' cur a-steach airgead dhan sgìre.<br /> <br /> Den ionmhas a bha air a chur a-steach don sgìre, chaidh a' chuid a bu mhotha dheth a chur a-mach air cur-seachadan agus air rudan pearsanta, mar a chithear air a' mhap seo den sgìre ri taobh Loch Meikle. Ann an dealbh eile san t-sreath seo, ghabhadh e fhaicinn gun robh taigh-chon air Loch Meikle air an taobh thall o Ach na Bràighe. Tha e coltach gun robh taigh-chon cuideachd faisg air taigh-seinnse Dhruim na Drochaid. Le fios gun robh an coin fhèin aig tuathanaich, tha seo a' sealltainn mar a bha Gleann Urchardain air fàs gu bhith na ionad cudromach airson sealgaireachd ro anmoch san 19mh linn.<br /> <br /> Bha turasachd cuideachd na thaic mòr do dh'eaconamaidh Ghleann Urchardain aig an àm. Anmoch san 19mh linn cha bhiodh mòran luchd-turais ann, ach an fheadhainn a thàinig, bhiodh iad air am meas a bhith a' toirt a-steach malairt don sgìre