Ùrachadh mu Dheireadh 12/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Oighreachd Innis Bhraoin1808
EXTERNAL ID
PC_GLENURQUHART_JANBELL_MAPS_006_001
ÀITE
Oighreachd Innis Bhraoin
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Urchadan 's Gleann Moireasdan
DEIT
1808
LINN
1800an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Glenurquhart Heritage Group
AITHNEACHADH MAOINE
22742
KEYWORDS
Coire a' Mhonaidh
Loch Gart
tuathanachas
sealbh air fearann
àiteachas
zoomable

A' buntainn do thràth anns an 19mh Linn, tha am mapa seo de thaobh Siar oighreachd Innis Bhraoin, le crìochan air oighreachdan Choire a' Mhonaidh agus Eisgeadail. Air a' chrìch ri Oighreachd Eisgeadail tha boglach air a thagradh le Sir Seumas Grannd. Tha seo a' sealltainn gur e àm saoghal-mhiannach a bha ann tràth san 19mh linn.

Ged a bhiodh na daoine a bhiodh a' cnuasachadh air an fhearann nan uaislean 's dòcha, tha tòrr neo-fhoirmealachd ann. Mar eisimpleir tha tuairisgeul air aon sgìre mar 'Pretty good pasture'. Dh'fhaodar a ràdh gu bheil seo a' nochdadh an dòigh anns an robh uaislean na h-Alba air tighinn fo bhuaidh luchd na Beurla, agus cuideachd an dòigh anns an robh an siostam calpach fiùdalach air cultar a chruthachadh anns an robh fearann agus stòrasan nàdarra air am meas airson luach eaconamach. Ron seo bhiodh na h-uachdarain fiùdalach air am fearann fhaicinn mar cuid-seilbhe a' chinnidh. A-nis aig àm a' mhapa seo 's e stòras a bh' ann a ghabhadh roinn eadar talamh ionaltraidh agus àitich (tha talamh àitich airson bàrr fhàs, agus talamh ionaltraidh airson sprèidh a bheathachadh). Tha fiù 's cnoc creagach beag air a bheil An Cnoc Griseach air a bhith air a mheas a rèir 's na bheathaicheas e de chaoraich. Tha tuairisgeul air sgìre mar 'moor ground, short heath, pretty good pasture'. Tha e follaiseach a-nis nach e seo àite ionaltraidh ro mhath do sprèidh, oir cha ghabh fraoch ithe leis a' mhòr-chuid de bheathaichean agus tha tòrr pharasaitean millteach na lùib. Ach, sa chumantas a-nis b' ann le tuathanasan chaorach a bha uachdarain a' fàs beairteach.

Aig an àm seo, bha an eaconamaidh a-nis a' crochadh cho mòr air caoraich 's gun robh fiù 's sgìrean nach toireadh dhaibh ach beathachadh truagh (agus a bhiodh doirbh àiteachadh) air an comharrachadh air na mapaichean mar 'pasture'. An dèidh Ar-a-mach Seumasach 1745, bha tuathanachas chaorach air tighinn gu bhith na phrìomh dhòigh air teachd a-steach airson mòran de theaghlaichean uasal na h-Alba

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Oighreachd Innis Bhraoin1808

INBHIR NIS: Urchadan 's Gleann Moireasdan

1800an

Coire a' Mhonaidh; Loch Gart; tuathanachas; sealbh air fearann; àiteachas; zoomable

Glenurquhart Heritage Group

Glenurquhart Heritage Group (maps)

A' buntainn do thràth anns an 19mh Linn, tha am mapa seo de thaobh Siar oighreachd Innis Bhraoin, le crìochan air oighreachdan Choire a' Mhonaidh agus Eisgeadail. Air a' chrìch ri Oighreachd Eisgeadail tha boglach air a thagradh le Sir Seumas Grannd. Tha seo a' sealltainn gur e àm saoghal-mhiannach a bha ann tràth san 19mh linn.<br /> <br /> Ged a bhiodh na daoine a bhiodh a' cnuasachadh air an fhearann nan uaislean 's dòcha, tha tòrr neo-fhoirmealachd ann. Mar eisimpleir tha tuairisgeul air aon sgìre mar 'Pretty good pasture'. Dh'fhaodar a ràdh gu bheil seo a' nochdadh an dòigh anns an robh uaislean na h-Alba air tighinn fo bhuaidh luchd na Beurla, agus cuideachd an dòigh anns an robh an siostam calpach fiùdalach air cultar a chruthachadh anns an robh fearann agus stòrasan nàdarra air am meas airson luach eaconamach. Ron seo bhiodh na h-uachdarain fiùdalach air am fearann fhaicinn mar cuid-seilbhe a' chinnidh. A-nis aig àm a' mhapa seo 's e stòras a bh' ann a ghabhadh roinn eadar talamh ionaltraidh agus àitich (tha talamh àitich airson bàrr fhàs, agus talamh ionaltraidh airson sprèidh a bheathachadh). Tha fiù 's cnoc creagach beag air a bheil An Cnoc Griseach air a bhith air a mheas a rèir 's na bheathaicheas e de chaoraich. Tha tuairisgeul air sgìre mar 'moor ground, short heath, pretty good pasture'. Tha e follaiseach a-nis nach e seo àite ionaltraidh ro mhath do sprèidh, oir cha ghabh fraoch ithe leis a' mhòr-chuid de bheathaichean agus tha tòrr pharasaitean millteach na lùib. Ach, sa chumantas a-nis b' ann le tuathanasan chaorach a bha uachdarain a' fàs beairteach.<br /> <br /> Aig an àm seo, bha an eaconamaidh a-nis a' crochadh cho mòr air caoraich 's gun robh fiù 's sgìrean nach toireadh dhaibh ach beathachadh truagh (agus a bhiodh doirbh àiteachadh) air an comharrachadh air na mapaichean mar 'pasture'. An dèidh Ar-a-mach Seumasach 1745, bha tuathanachas chaorach air tighinn gu bhith na phrìomh dhòigh air teachd a-steach airson mòran de theaghlaichean uasal na h-Alba