Ùrachadh mu Dheireadh 12/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Oighreachd Innis Bhraoin
EXTERNAL ID
PC_GLENURQUHART_JANBELL_MAPS_006_002
ÀITE
Oighreachd Innis Bhraoin
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Urchadan 's Gleann Moireasdan
DEIT
1808
LINN
1800an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Glenurquhart Heritage Group
AITHNEACHADH MAOINE
22743
KEYWORDS
Dìobhach
zoomable

Nuair a chaidh a thomhas, tha e coltach gun robh Oighreachd Innis Bhraoin ('Inchbrine') air a litreachadh 'Inchbreen'. Chan eil àitean-còmhnaidh air a' mhapa seo agus 's iad na prìomh chomharran-tìre Loch Gart agus creag air a bheil Creagan Ruigh na Sgoraidh ('Craggan Rie Na Scurrie'). Tha mòinteach mhòr ann cuideachd air a bheil Creag nan Gobhar Mhòr ('Craig Na Gour More'). Chithear gun deach am mapa seo a thomhas le fear air an robh Seòras MacIlleDhuinn. A rèir coltais 's e ainm Sasannach no Gallda a tha seo agus 's e comharra a th' ann air an dòigh anns an robh a' Ghàidhealtachd air a roinn le na cinn-chinnidh, a' cleachdadh dhòighean luchd na Beurla. Tha iomradh air aon àite mar 'disputed march', agus tha seo na chomharra air cho dìon 's a bha an t-srì airson sealbh air fearann air fàs oir bha sabaid ann airson fiù 's boglaichean.

Tha an dòigh dèiligidh farpaiseach saoghal-mhiannach seo air sealbh fearainn gu math nochdte san t-seantans gun robh connspaid ann a thaobh Càrn Mòr ach gun robh e air a thagradh le Sir Seumas Grannd. Mar as trice 's e làrach àite adhlacaidh a th' ann an càrn, agus tha Càrn Mòr na chomharra gun robh luach maoth-inntinneach mòr air uaireigin. Ach ri linn nam fuadaichean bha carraighean àrsaidh agus àitean a bh' air a bhith cudromach ann an dualchas na h-Alba air am faicinn dìreach mar thalamh a bharrachd airson àiteachadh.

Anns na bliadhnaichean air thoiseach bhiodh an sgìre cudromach gu cultarail air sgàth Loidse Dhìobhaich. Thadhail mòran dhaoine ainmeil air an taigh-aoigheachd seo, nam measg an sgrìobhaiche chloinne JM Barrie agus a' bhan-chleasaiche Ellen Terry

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Oighreachd Innis Bhraoin

INBHIR NIS: Urchadan 's Gleann Moireasdan

1800an

Dìobhach; zoomable

Glenurquhart Heritage Group

Glenurquhart Heritage Group (maps)

Nuair a chaidh a thomhas, tha e coltach gun robh Oighreachd Innis Bhraoin ('Inchbrine') air a litreachadh 'Inchbreen'. Chan eil àitean-còmhnaidh air a' mhapa seo agus 's iad na prìomh chomharran-tìre Loch Gart agus creag air a bheil Creagan Ruigh na Sgoraidh ('Craggan Rie Na Scurrie'). Tha mòinteach mhòr ann cuideachd air a bheil Creag nan Gobhar Mhòr ('Craig Na Gour More'). Chithear gun deach am mapa seo a thomhas le fear air an robh Seòras MacIlleDhuinn. A rèir coltais 's e ainm Sasannach no Gallda a tha seo agus 's e comharra a th' ann air an dòigh anns an robh a' Ghàidhealtachd air a roinn le na cinn-chinnidh, a' cleachdadh dhòighean luchd na Beurla. Tha iomradh air aon àite mar 'disputed march', agus tha seo na chomharra air cho dìon 's a bha an t-srì airson sealbh air fearann air fàs oir bha sabaid ann airson fiù 's boglaichean. <br /> <br /> Tha an dòigh dèiligidh farpaiseach saoghal-mhiannach seo air sealbh fearainn gu math nochdte san t-seantans gun robh connspaid ann a thaobh Càrn Mòr ach gun robh e air a thagradh le Sir Seumas Grannd. Mar as trice 's e làrach àite adhlacaidh a th' ann an càrn, agus tha Càrn Mòr na chomharra gun robh luach maoth-inntinneach mòr air uaireigin. Ach ri linn nam fuadaichean bha carraighean àrsaidh agus àitean a bh' air a bhith cudromach ann an dualchas na h-Alba air am faicinn dìreach mar thalamh a bharrachd airson àiteachadh.<br /> <br /> Anns na bliadhnaichean air thoiseach bhiodh an sgìre cudromach gu cultarail air sgàth Loidse Dhìobhaich. Thadhail mòran dhaoine ainmeil air an taigh-aoigheachd seo, nam measg an sgrìobhaiche chloinne JM Barrie agus a' bhan-chleasaiche Ellen Terry