Ùrachadh mu Dheireadh 12/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
A' Chluain Mhòr, Bòrlum
EXTERNAL ID
PC_GLENURQUHART_JANBELL_MAPS_007_001
ÀITE
Bòrlum
SGÌRE
An Àird
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Urchadan 's Gleann Moireasdan
DEIT
1808
LINN
1800an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Glenurquhart Heritage Group
AITHNEACHADH MAOINE
22744
KEYWORDS
Baile na Lurgainn
A' Chluain Mhòr
Cnocadaidh
Baile Beag
An t-Ailean Mòr
Gorochkin
Torran nam Breac
zoomable

'S fhada bho bha Bòrlum na sgìre cudromach de Ghleann Urchadain agus tha am mapa seo a' còmhdach na sgìre bho a crìch ri Leitir an Locha gu Loch Miglidh agus Baile na Glaic. Tha Bòrlum air aon den chorra ainm àite Anglo-Normanach Meadhanach ann an Gleann Urchadain. A dh'aindeoin seo 's e ainmean Gàidhlig a tha sa mhòr-chuid de na h-ainmean àite taobh a-staigh Bhòrlum. Tha am mapa seo a' sealltainn Bòrlum tràth san 19mh linn. 'S e aon de na prìomh àitean inntinneach cnuic air a bheil Cnocadaidh. 'S iad àitean cudromach eile Baile an Fhàin agus Baile Beag agus Baile na Lic. Tha am mìr Ceilteach 'Baile' a' comharrachadh tuineachadh cuartaichte.

Air leth bho na h-ainmean Ceilteach tha sgìre ann cuideachd air a bheil Upperton agus 's e sin Beurla nuadh. Tha oighreachd Leitir an Locha a' crìochnachadh an seo, gu deas a rèir coltais. A dh'aindeoin cho beag diù 's a bh' ann don Ghàidhlig, tha am mapa seo inntinneach air aon dòigh, agus 's e sin gu bheil faclan Gàidhlig air a tha ann an seantansan Beurla. Mar eisimpleir tha e ag ràdh 'Road through the Strath of Urquhart'. Ach an aghaidh seo, is ainneamh a tha faclan mar cnoc, tòrr no creag air an tionndadh dhan Bheurla. 'S e is adhbhar dha seo gu bheil iad a' comharrachadh fearann cas, creagach a bheireadh air falbh bho luach an fhearainn.

Rud inntinneach mun mhapa seo 's e gu bheil e a' sealltainn nach robh litreachadh Gàidhlig suidhichte ann agus gun robh an aibidil Laidinn ga cleachdadh ann an dòigh thuiteamach. Chithear seo bhon dòigh sa bheil an litir 'V' ga cleachdadh ann an ainmean àite Gàidhlig, ged is e mar as trice 'BH' an riochd sgrìobhte suidhichte Laidinn.

Mar a tha mapaichean eile de Ghleann Urchadain san t-sreath seo bho 1808, uaireannan tha a' chainnt mì-thlachdmhor. Tha tiotal ann 'Rivach wood, pretty good'. Tha neo-fhoirmealachd an fhacail 'pretty' agus comhardadh nach robh a dheòin a' toirt beachd nach robh duine an dùil gum biodh luach cultarail sam bith aig an sgrìobhainn seo, agus nach robh gu bhith ann ach measadh air Gleann Urchadain mar àite sam faigheadh sprèidh ionaltradh.

Rud inntinneach eile mun mhapa seo, 's e gu bheil àth aoil air. 'S e seo uidheam airson todhar làn calcium a thoirt à clach-aoil, clach ghrùideach le tùs uisgeach. 'S dòcha gun robh seo na phàirt de na dòighean tuathanachais ùra a thug Sir Seumas Grannd Math a-steach gus na b' urrainn a thoirt às an talamh ann an Gleann Urchadain

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

A' Chluain Mhòr, Bòrlum

INBHIR NIS: Urchadan 's Gleann Moireasdan

1800an

Baile na Lurgainn; A' Chluain Mhòr; Cnocadaidh; Baile Beag; An t-Ailean Mòr; Gorochkin; Torran nam Breac;; zoomable

Glenurquhart Heritage Group

Glenurquhart Heritage Group (maps)