Ùrachadh mu Dheireadh 03/08/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
A' Chluain Mhòr, Bòrlum
EXTERNAL ID
PC_GLENURQUHART_JANBELL_MAPS_007_002
ÀITE
Bòrlum
SGÌRE
An Àird
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Urchadan 's Gleann Moireasdan
DEIT
1808
LINN
1800an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Glenurquhart Heritage Group
AITHNEACHADH MAOINE
22745
KEYWORDS
An Cnoc Griseach
Lèananach
Torran nam Breac
zoomable

B' e an 19mh Linn àm nam fuadaichean. Ged a bha Gleann Urchadain an ìre mhath fortanach aig an àm seo, air sgàth tionnsgaladh agus dòighean-àitich ùra, bha am fearann timcheall air Gleann Urchadain air a chur gu feum mar ionaltradh gu làn-ìre a chomais. Tha seo ri fhaicinn san fhacal 'pasture' sgrìobhte air fearann a' crìochnachadh aig a' choille. Tha am mapa a' sealltainn raon fearainn timcheall air Gleann Urchadain bho fhearann an Naoimh Ninian (faisg air cidhe an teampaill an-diugh) timcheall air Bàgh Urchadain agus an Caisteal. Tha e crìochnaichte ris A' Chluain Mhòir agus Baile MacCathain. Tha am facal 'Baile' ann am mòran de na h-ainmean àite. 'S e seo an aon fhreumh sa th' anns an ainm 'Baltimore' a tha bho Ghàidhlig na h-Èireann.

Cho math ri iomadh ainm Gàidhlig tha cuideachd iomadh facal nas ùire ann bho bhuaidh luchd na Beurla. Mar eisimpleir tha àite ann air a bheil 'The Red Dale' agus fear eile air a bheil 'East Dale'. 'S e Gleann am facal Ceilteach airson 'dale'. Tha e a' sealltainn gun tug na h-uachdarain a bha fo bhuaidh luchd na Beurla ainmean gu àitean aig an robh cumhachd armailteach (mar am fearann timcheall air caisteal) aig aon àm ach anns an 19mh Linn b' iad na nòsan ùra eaconamach (tuathanasan chaorach mòra) a thug ainmean àite Beurla a dh'Alba oir bha cumhachd a-nis air a chomharrachadh le airgead. Tha cuideachd 'Clover Park' agus 'Water of Coiltie' ann, a tha a rèir coltais a cheart uimhir bho bhuaidh cultar seach cànan luchd na Beurla. Tro mheadhan an 19mh Linn, bha pàircean nam feartan cudromach air oighreachdan Sasannach agus tha e coltach gun do sgaoil am fasan seo dhan Ghàidhealtachd.

Mar a bha le na mapaichean eile de Ghleann Urchadain a bha dèanta aig an àm airson sealltainn na chumadh e de thuathanachas, tha an cànan caran borb, agus làn comhardaidh agus uaim nach robhar an dùil. Mar eisimpleir, tha aon cheann-sgrìobhadh ag ràdh 'steep ground with birch wood and pretty good grass pasture'. Dh'fhaodar a ràdh gu bheil seo a' sealltainn mar a bhathar a-nis a' meas an fhearainn gu maoineachail. Ach cha b' e an-còmhnaidh droch rud a bha seo. Mar eisimpleir, tha cuid den fhearann air a chomharrachadh mar 'improvable'. B' ann aig an àm seo a chuidich am Morair Seumas Grannd Gleann Urchadain le bhith a' cur an sàs cuid de na h-innleachdan saidheans as ùra gus an toradh bu mhotha a b' urrainn fhaighinn. Mar phàirt dhe seo bhathar a' cuairteachadh a' bharra a bha air a chur. Bha bitheagan ann an cuid aca a neartaicheadh an talamh le beathachadh sònraichte (mar eisimpleir naidhtridsean) agus gheibheadh an ath bhàrr buannachd à seo a-rithist.

Tha am fearann fhèin inntinneach air sgàth nam feartan aige agus na tha iad a' sealltainn mu eachdraidh na sgìre. Air a' mhapa seo tha e coltach gur iad na craobhan beithe as cumanta san sgìre. Seo mus deach Coimisean nan Coilltean a stèidheachadh 's a chuir iad craobhan durcain. Tha na craobhan beithe air fàs gu pailt o linn na deighe. Gu dearbh bu dòcha gum b' e linn na deighe an aon rud bu mhotha a chuir cumadh air an sgìre. Tha na lochan beinne far an do chruthaich deigh linneachan air talamh àrd nan comharra eile bho linn na deighe. Tha leud agus doimhne nan linneachan sin air an toirt seachad an seo

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

A' Chluain Mhòr, Bòrlum

INBHIR NIS: Urchadan 's Gleann Moireasdan

1800an

An Cnoc Griseach; Lèananach; Torran nam Breac; zoomable

Glenurquhart Heritage Group

Glenurquhart Heritage Group (maps)