Ùrachadh mu Dheireadh 27/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Loch Miglidh
EXTERNAL ID
PC_GLENURQUHART_JANBELL_MAPS_008_001
ÀITE
Loch Miachdlaidh
SGÌRE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Urchadan 's Gleann Moireasdan
DEIT
1904
LINN
1900an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Glenurquhart Heritage Group
AITHNEACHADH MAOINE
22747
KEYWORDS
Srath Marsley
Taigh Coire a' Mhonaidh
Coire Beag
Loidse Coille a' Chorcaidh
Coille na Breac-àirigh
Druim Fada
zoomable

Chithear leis a' mhapa seo de Ghleann Urchadain gun robh mapadh Gàidhealtachd na h-Alba air atharrachadh bhon chiad deichead den 19mh Linn. Tha na h-ainmean cudromach oir tha tiotalan fo bhuaidh na Beurla air an fhearann as fhaisge air Bàgh Ghlinn Urchadain agus Rathad Inbhir Nis - Cille Chuimein. 'S iad trì de na prìomh sgìrean nàdarra air a' mhapa 'Coiltie', 'Shewglie Wood' agus 'Lochletter Wood'. Tha na coilltean dùmhail orra sin a' sealltainn gur beag oidhirp a chaidh a dhèanamh cur às do na coilltean mòra san sgìre 's gluasad ann a dh'ionnsaigh tuathanachas chaorach.

'S e Loch Miglidh ('Loch Meikle') tiotal a' mhapa, oir bha an sgìre seo fìor chudromach leis gur e sgìre bheairteach den Ghleann a bh' innte. 'S e 'Lakefield' a th' air an achadh ri taobh an Locha, a tha a' sealltainn gun robh uachdarain fo bhuaidh luchd na Beurla air a bhith ann o chionn fhada. Bhiodh mapaichean de Ghleann Urchadain an 19mh Linn a' toirt prìomhachas do chleachdadh fearainn agus feartan eaconamach na sgìre ach tha am mapa seo a' sealltainn Gleann Urchadain gu mionaideach mar bhaile. Tha seo na shamhla air an dòigh anns nach robh Gleann Urchadain tuilleadh na stòras nàdarra do fhlaitheachd fo bhuaidh luchd na Beurla, ach na pàirt de Bhreatainn. Tha oifis puist ann cuideachd a tha a' sealltainn gun robh bun-structair Bhreatainn air Alba a cheangal ris a' chòrr dhen rìoghachd.

Tha tiotalan leithid 'lodge' agus 'parsonage' nan comharran eile leis an gabh buaidh na Beurla air Alba dhùthchail a thuigsinn. Tha am 'parsonage' ri taobh Eaglais Easbaigeach Naoimh Ninian. Tha seo a' sealltainn gun robh Gleann Urchadain air tighinn fo bhuaidh luchd na Beurla gu ìre an sin oir 's e 'manse' am facal Albannach airson 'parsonage'. 'S e facal Beurla a th' ann an 'lodge' cuideachd agus tha gu bheil am facal seo air a chleachdadh am measg mòran ainmean àite Gàidhlig na chomharra air a' phàirt mhòr a bh' aig sealg ann an turasachd na Gàidhealtachd aig an àm.

'S e 'Aqueduct' ainm Beurla eile airson structair san sgìre. Tha seo bho fhacal Laidinn 's tha e a' sealltainn an dòigh san robh riaghaltas Bhreatainn fhathast a' cleachdadh fhacal Laidinn gus cudromachd a thoirt do mhòran dem pròiseactan togail

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Loch Miglidh

INBHIR NIS: Urchadan 's Gleann Moireasdan

1900an

Srath Marsley; Taigh Coire a' Mhonaidh; Coire Beag; Loidse Coille a' Chorcaidh; Coille na Breac-àirigh; Druim Fada; zoomable

Glenurquhart Heritage Group

Glenurquhart Heritage Group (maps)