Ùrachadh mu Dheireadh 18/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Leabhar dhealbhan-camara 'Camera Studies' - Taigh Chlub Goilf Bhaile nan Granndach
EXTERNAL ID
PC_GM2_ALBUM1_003
ÀITE
Baile nan Granndach
SIORRACHD/PARRAIST
MOIREIBH: Crombail, Inbhir Ailein 's Àbhaidh
LINN
1900an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh Bhaile nan Granndach
AITHNEACHADH MAOINE
22750
KEYWORDS
spòrs
cur-seachad
daoine
leabhraichean dealbhan-camara
'Camera Studies' Photograph Album - Grantown Golf Club House

Cruinneachadh de fhireannaich is de bhoireannaich taobh a-muigh Taigh Club Goilf Bhaile nan Granndach.

Chaidh Club Goilf Bhaile nan Granndach a chruthachadh an 1890. Cha robh ach naoi tuill sa chùrsa an toiseach, ach chaidh a leasachadh gu cùrsa ochd tuill deug an 1911.

Tha an dealbh seo a' nochdadh san leabhar air a bheil 'Camera Studies'. Tha 11 dealbhan anns an leabhar dhealbhan-chamara làithean-saora seo, is gach fear aca, ach a-mhàin aon, air an togail ann, agus mu thimcheall air, sgìre Bhaile nan Granndach. Tha a' chuid as motha dhe na dealbhan a' dol air ais gu 1904.

Bho na 1860an a-mach, thadhail barrachd is barrachd luchd-turais air an sgìre mu thimcheall air Baile nan Granndach. Thachair am fàs seo ann an turasachd, gu ìre mhòr, air sgàth an rathaid-iarainn a thàinig gu Baile nan Granndach an 1863, rud a thug cothrom do mhòran a bharrachd luchd-turais tighinn dhan bhaile. Bha a' Ghàidhealtachd air fàs na bu tharraingiche do mhuinntir Bhreatainn an dèidh do Bhanrigh Bhioctoria agus am Prionnsa Albert Baile Mhoireil a cheannach sna 1840an. Anns an t-Sultain 1860, gu dearbha, rinn Albert tadhal air Baile nan Granndach fhèin, a' gabhail tàmh na h-oidhche aig an Taigh-òsta Grant Arms

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is mu phrìsean cuir post-d gu:
Taigh-tasgaidh Baile nan Granndach

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Leabhar dhealbhan-camara 'Camera Studies' - Taigh Chlub Goilf Bhaile nan Granndach

MOIREIBH: Crombail, Inbhir Ailein 's Àbhaidh

1900an

spòrs; cur-seachad; daoine; leabhraichean dealbhan-camara

Taigh-tasgaidh Bhaile nan Granndach

Grantown Museum Photographic Collection