Ùrachadh mu Dheireadh 21/03/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Leabhar dhealbhan-camara 'Camera Studies' - Cuirm-chnuic aig Loch a' Ghartain, 1904
EXTERNAL ID
PC_GM2_ALBUM1_004
ÀITE
Loch a' Ghartain
SGÌRE
Bàideanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Daothal 's Ràta Mhurchais
DEIT
1 An t-Iuchar 1904
LINN
1900an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh Bhaile nan Granndach
AITHNEACHADH MAOINE
22751
KEYWORDS
aodach
fasan
'Camera Studies' Photograph Album - Picnic on Loch Garten, 1904

Fireannaich is boireannaich a' cruinneachadh airson cuirm-chnuic air bruach Loch a' Ghartain. Tha an deit An t-Iuchar 1904 air an dealbh. Tha Loch a' Ghartain na laighe an ear air Coit a' Ghairtein.

Tha an dealbh seo a' nochdadh san leabhar air a bheil 'Camera Studies'. Tha 11 dealbhan anns an leabhar dhealbhan-chamara làithean-saora seo, is gach fear aca, ach a-mhàin aon, air an togail ann, agus mu thimcheall air, sgìre Bhaile nan Granndach. Tha a' chuid as motha dhe na dealbhan a' dol air ais gu 1904.

Bho na 1860an a-mach, thadhail barrachd is barrachd luchd-turais air an sgìre mu thimcheall air Baile nan Granndach. Thachair am fàs seo ann an turasachd, gu ìre mhòr, air sgàth an rathaid-iarainn a thàinig gu Baile nan Granndach an 1863, rud a thug cothrom do mhòran a bharrachd luchd-turais tighinn dhan bhaile. Bha a' Ghàidhealtachd air fàs na bu tharraingiche do mhuinntir Bhreatainn an dèidh do Bhanrigh Bhioctoria agus am Prionnsa Albert Baile Mhoireil a cheannach sna 1840an. Anns an t-Sultain 1860, gu dearbha, rinn Albert tadhal air Baile nan Granndach fhèin, a' gabhail tàmh na h-oidhche aig an Taigh-òsta Grant Arms

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is mu phrìsean cuir post-d gu:
Taigh-tasgaidh Baile nan Granndach

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Leabhar dhealbhan-camara 'Camera Studies' - Cuirm-chnuic aig Loch a' Ghartain, 1904

INBHIR NIS: Daothal 's Ràta Mhurchais

1900an

aodach; fasan

Taigh-tasgaidh Bhaile nan Granndach

Grantown Museum Photographic Collection