Ùrachadh mu Dheireadh 22/05/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Leabhar dhealbhan-camara 'Camera Studies' - A' Togail air Loch a' Bhàtha
EXTERNAL ID
PC_GM2_ALBUM1_009
ÀITE
Loch a' Bhàtha
SGÌRE
Bàideanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Daothal 's Ràta Mhurchais
DEIT
1904
LINN
1900an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh Bhaile nan Granndach
AITHNEACHADH MAOINE
22756
KEYWORDS
each
eich
cairt
cairtean
aodach
fasan
'Camera Studies' Photograph Album - Starting For Loch Vaa, 1904

'S e ainm an deilbh-chamara seo ach 'Starting for Loch Vaa, July 1904'. Tha Loch a' Bhàtha 3 km an iar air Coit a' Ghairtein.

Tha an dealbh seo a' nochdadh san leabhar air a bheil 'Camera Studies'. Tha 11 dealbhan anns an leabhar dhealbhan-chamara làithean-saora seo, is gach fear aca, ach a-mhàin aon, air an togail ann, agus mu thimcheall air, sgìre Bhaile nan Granndach. Tha a' chuid as motha dhe na dealbhan a' dol air ais gu 1904.

Bho na 1860an a-mach, thadhail barrachd is barrachd luchd-turais air an sgìre mu thimcheall air Baile nan Granndach. Thachair am fàs seo ann an turasachd, gu ìre mhòr, air sgàth an rathaid-iarainn a thàinig gu Baile nan Granndach an 1863, rud a thug cothrom do mhòran a bharrachd luchd-turais tighinn dhan bhaile. Bha a' Ghàidhealtachd air fàs na bu tharraingiche do mhuinntir Bhreatainn an dèidh do Bhanrigh Bhioctoria agus am Prionnsa Albert Baile Mhoireil a cheannach sna 1840an. Anns an t-Sultain 1860, gu dearbha, rinn Albert tadhal air Baile nan Granndach fhèin, a' gabhail tàmh na h-oidhche aig an Taigh-òsta Grant Arms

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is mu phrìsean cuir post-d gu:
Taigh-tasgaidh Baile nan Granndach

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Leabhar dhealbhan-camara 'Camera Studies' - A' Togail air Loch a' Bhàtha

INBHIR NIS: Daothal 's Ràta Mhurchais

1900an

each; eich; cairt; cairtean; aodach; fasan

Taigh-tasgaidh Bhaile nan Granndach

Grantown Museum Photographic Collection