Ùrachadh mu Dheireadh 21/03/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Leabhar dhealbhan-camara 'Camera Studies' - Aig Roinn Goilf Bhaile nan Granndach, 1904
EXTERNAL ID
PC_GM2_ALBUM1_010
ÀITE
Baile nan Granndach
SIORRACHD/PARRAIST
MOIREIBH: Crombail, Inbhir Ailein 's Àbhaidh
DEIT
1904
LINN
1900an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh Bhaile nan Granndach
AITHNEACHADH MAOINE
22757
KEYWORDS
spòrs
cur-seachad
aodach
fasan
'Camera Studies' Photograph Album - At Grantown Golf Course, 1904

Fireannach agus dithis bhoireannach a' cluich geama goilf aig Baile nan Granndach an 1904. Bhon làimh chlì chun na làimh dheis, thathas air an aithneachadh mar Herbert MacPhàrlain, Daisy Nic an Tòisich agus Ella Nic an Tòisich. Chaidh Club Goilf Bhaile nan Granndach a stèidheachadh an 1890. Cha robh ach naoi tuill sa chùrsa an toiseach, ach chaidh a leasachadh gu cùrsa ochd tuill deug an 1911.

Tha an dealbh seo a' nochdadh san leabhar air a bheil 'Camera Studies'. Tha 11 dealbhan anns an leabhar dhealbhan-chamara làithean-saora seo, is gach fear aca, ach a-mhàin aon, air an togail ann, agus mu thimcheall air, sgìre Bhaile nan Granndach. Tha a' chuid as motha dhe na dealbhan a' dol air ais gu 1904.

Bho na 1860an a-mach, thadhail barrachd is barrachd luchd-turais air an sgìre mu thimcheall air Baile nan Granndach. Thachair am fàs seo ann an turasachd, gu ìre mhòr, air sgàth an rathaid-iarainn a thàinig gu Baile nan Granndach an 1863, rud a thug cothrom do mhòran a bharrachd luchd-turais tighinn dhan bhaile. Bha a' Ghàidhealtachd air fàs na bu tharraingiche do mhuinntir Bhreatainn an dèidh do Bhanrigh Bhioctoria agus am Prionnsa Albert Baile Mhoireil a cheannach sna 1840an. Anns an t-Sultain 1860, gu dearbha, rinn Albert tadhal air Baile nan Granndach fhèin, a' gabhail tàmh na h-oidhche aig an Taigh-òsta Grant Arms

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is mu phrìsean cuir post-d gu:
Taigh-tasgaidh Baile nan Granndach

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Leabhar dhealbhan-camara 'Camera Studies' - Aig Roinn Goilf Bhaile nan Granndach, 1904

MOIREIBH: Crombail, Inbhir Ailein 's Àbhaidh

1900an

spòrs; cur-seachad; aodach; fasan

Taigh-tasgaidh Bhaile nan Granndach

Grantown Museum Photographic Collection