Ùrachadh mu Dheireadh 27/07/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Leabhar dhealbhan-camara 'Camera Studies' - Rèidhlean an 5mh tuill aig Baile nan Granndach
EXTERNAL ID
PC_GM2_ALBUM1_011
ÀITE
Baile nan Granndach
SIORRACHD/PARRAIST
MOIREIBH: Crombail, Inbhir Ailein 's Àbhaidh
LINN
1900s
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh Bhaile nan Granndach
AITHNEACHADH MAOINE
22758
KEYWORDS
spòrs
cur-seachad
aodach
fasan
'Camera Studies' Photograph Album - The Fifth Green at Grantown

Beagan fhireannach is bhoireannach, agus dealbh dhiubh air a thogail aig rèidhlean a' 5mh tuill. Chaidh Club Goilf Bhaile nan Granndach a stèidheachadh an 1890. Cha robh ach naoi tuill sa chùrsa an toiseach, ach chaidh a leasachadh gu cùrsa ochd tuill deug an 1911.

Tha an dealbh seo a' nochdadh san leabhar air a bheil 'Camera Studies'. Tha 11 dealbhan anns an leabhar dhealbhan-chamara làithean-saora seo, is gach fear aca, ach a-mhàin aon, air an togail ann, agus mu thimcheall air, sgìre Bhaile nan Granndach. Tha a' chuid as motha dhe na dealbhan a' dol air ais gu 1904.

Bho na 1860an a-mach, thadhail barrachd is barrachd luchd-turais air an sgìre mu thimcheall air Baile nan Granndach. Thachair am fàs seo ann an turasachd, gu ìre mhòr, air sgàth an rathaid-iarainn a thàinig gu Baile nan Granndach an 1863, rud a thug cothrom do mhòran a bharrachd luchd-turais tighinn dhan bhaile. Bha a' Ghàidhealtachd air fàs na bu tharraingiche do mhuinntir Bhreatainn an dèidh do Bhanrigh Bhioctoria agus am Prionnsa Albert Baile Mhoireil a cheannach sna 1840an. Anns an t-Sultain 1860, gu dearbha, rinn Albert tadhal air Baile nan Granndach fhèin, a' gabhail tàmh na h-oidhche aig an Taigh-òsta Grant Arms

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is mu phrìsean cuir post-d gu:
Taigh-tasgaidh Baile nan Granndach

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Leabhar dhealbhan-camara 'Camera Studies' - Rèidhlean an 5mh tuill aig Baile nan Granndach

MOIREIBH: Crombail, Inbhir Ailein 's Àbhaidh

1900s

spòrs; cur-seachad; aodach; fasan

Taigh-tasgaidh Bhaile nan Granndach

Grantown Museum Photographic Collection