Ùrachadh mu Dheireadh 21/03/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Morair Reidhaven air Tighinn gu Aois - Dealbh 2
EXTERNAL ID
PC_GM2_ALBUM2_003
ÀITE
Baile nan Granndach
SIORRACHD/PARRAIST
MOIREIBH: Crombail, Inbhir Ailein 's Àbhaidh
DEIT
1872
LINN
1870an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh Bhaile nan Granndach
AITHNEACHADH MAOINE
22763
KEYWORDS
The Majority of Viscount Reidhaven, 1872 - Image 2

Fear an sreath de dhealbhan bho leabhar- dhealbhan-camara a tha a' comharrachadh Iain Teàrlach Grannd Ogilvie, Morair Reidhaven, is e air tighinn gu ìre.

B' e Iain Teàrlach Grannd Ogilvie an t-aon mhac aig Iain Teàrlach grannd Ogilvie, an 7mh Iarla Seafield agus 20mh Ceann-feadhna Chlann Ghrannd. Air an 7mh là den Dàmhair 1872, ràinig Iain Teàrlach Grannd Ogilvie an aois 21, agus bha e mar sin air tighinn gu ìre.

Chaidh seo a chomharrachadh ann am Baile nan Granndach, am baile bu mhotha am measg oighreachdan Seafield. Chaidh mòran bhrataichean agus bhoghachan air an sgeadachadh le duilleach a chrochadh air feadh a' bhaile, agus aig Caisteal Ghrannd mar an ceudna, cathair Iarlaichean Seafield.

Airson tuilleadh comharrachaidh a dhèanamh air an tachartas, thug tuathanaich oighreachdan seachad dealbh dheth fhèin seachad do Mhorair Seafield, air a pheantadh le Sir Francis Grannd.

Nuair a bhàsaich an 7mh Iarla Seafield an 1881, thàinig Morair Reidhaven gu bhi an 8mh Iarla Seafield. Cha do mhair esan ach trì bliadhna a bharrachd, nuair a bhàsaich e, sa Mhàrt 1884, aig aois 32

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is mu phrìsean cuir post-d gu:
Taigh-tasgaidh Baile nan Granndach

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Morair Reidhaven air Tighinn gu Aois - Dealbh 2

MOIREIBH: Crombail, Inbhir Ailein 's Àbhaidh

1870an

Taigh-tasgaidh Bhaile nan Granndach

Grantown Museum Photographic Collection