Ùrachadh mu Dheireadh 22/05/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Model T Ford Taobh a-Muigh Chaisteal Ghrannd
EXTERNAL ID
PC_GM2_PHOTOGRAPHS_003
ÀITE
Caisteal Ghrannd
SGÌRE
Crombail
SIORRACHD/PARRAIST
MOIREIBH: Crombail, Inbhir Ailein 's Àbhaidh
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh Bhaile nan Granndach
AITHNEACHADH MAOINE
22771
KEYWORDS
càr
càraichean
carbad-ola
carbadan-ola
aodach
fasan
Model T Ford Outside Castle Grant

Chithear anns an dealbh seo ann an tasglann Taigh-tasgaidh Bhaile nan Granndach Model T Ford taobh a-muigh Chaisteal nan Granndach. Tha triùir bhoireannach nan suidhe sa chàr. 'S i tè Lucinda Ross, air an robh cuideachd am far-ainm 'Loo', dràibhear a' chàir.

Bha Lucinda Ross na neach-gnothaich ann am Baile nan Granndach. An dèidh dhi bùth bhaidhsagal a chur air bhonn air Prìomh Shràid Bhaile nan Granndach, dh'fhosgail i garaids agus gnìomhachas airson càradh chàraichean. Cheannaich i cuideachd, rè ùine, Taigh-òsta na Beinne Mòire ann am Baile nan Granndach.

Chan eil fhios cuin a thogadh an dealbh, ach bhathas a' dèanamh nan carbadan Model T Ford eadar 1908 agus 1927.

Lorgar Caisteal nan Granndach, seann chathair cinn-feadhna Chlann Ghrannd agus Iarlan Seafield, 2.3 km an ear-thuath air Baile nan Granndach. Chaidh Caisteal nan Granndach a reic leis an teaghlach Ghrannd an 1983, agus tha e air a bhith fo shealbh phrìobhaideach bhon uair sin

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is mu phrìsean cuir post-d gu:
Taigh-tasgaidh Baile nan Granndach

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Model T Ford Taobh a-Muigh Chaisteal Ghrannd

MOIREIBH: Crombail, Inbhir Ailein 's Àbhaidh

càr; càraichean; carbad-ola; carbadan-ola; aodach; fasan

Taigh-tasgaidh Bhaile nan Granndach

Grantown Museum Photographic Collection