Ùrachadh mu Dheireadh 15/08/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Ealachan-bàna agus ealachan, Uibhist a Tuath
EXTERNAL ID
GB1796_SINCLAIR_WHOOPERSANDMUTESWANS
SGÌRE
Uibhist a Tuath
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Uibhist a Tuath
LINN
1980an; 1990an
CRUTHADAIR
unknown
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh is Gaileiridh Ealan Inbhir Nis
AITHNEACHADH MAOINE
2278
KEYWORDS
eun-eòlas
coimhead air eòin
claistinneach

Get Adobe Flash player

Mar as trice 's ann anns a' gheamhradh a bhios ealachan-bàna a' tadhal air Alba 's iad a' tighinn bho Innis Tìle. Bidh iad a' tighinn anns an Damhair agus bidh iad a' falbh a-rithist anns a' Ghiblean. 'S e ealachan mòra geala a tha anns na h-ealachan-bàna, agus tha triantan buidhe air an goban dubha. Tha an triantan sin caran coltach ri làrach-meòir dhaoine oir 's urrainn do dh'èoin fa-leth a bhith air an aithneachadh leis a' phàtran a tha air an gob. 'S e lusan uisge, feur agus gràn ann an tanalach, pàircean a tha fo thuil, lochan agus talamh tuathanais air Ghalltachd a bhios iad ag ithe.

'S e eòin mhòra uisge le goban orains a tha ann an ealachan. Bidh iad a' briodachadh air feadh na Rìoghachd Aonaichte ann an lochan ao-domhainn, aibhnichean air nach eil sruth làidir, claisean-uisge, agus pàircean a tha faisg orra agus bidh iad ag ithe lusan uisge, biastagan agus silcheagan. Tha iad sàmhach mar as trice, ach bidh iad a' siosarnaich an uair a tha iad feargach.

Anns an earrann èisteachd seo, a chaidh a chlàradh aig locha ann an Uibhist a Tuath tràth as t-earrach agus cluinnear sgiathan nan ealachan agus iad air iteig

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Ealachan-bàna agus ealachan, Uibhist a Tuath

INBHIR NIS: Uibhist a Tuath

1980an; 1990an

eun-eòlas; coimhead air eòin; claistinneach

Taigh-tasgaidh is Gaileiridh Ealan Inbhir Nis

Bill Sinclair Audio: Bird Watching

Mar as trice 's ann anns a' gheamhradh a bhios ealachan-bàna a' tadhal air Alba 's iad a' tighinn bho Innis Tìle. Bidh iad a' tighinn anns an Damhair agus bidh iad a' falbh a-rithist anns a' Ghiblean. 'S e ealachan mòra geala a tha anns na h-ealachan-bàna, agus tha triantan buidhe air an goban dubha. Tha an triantan sin caran coltach ri làrach-meòir dhaoine oir 's urrainn do dh'èoin fa-leth a bhith air an aithneachadh leis a' phàtran a tha air an gob. 'S e lusan uisge, feur agus gràn ann an tanalach, pàircean a tha fo thuil, lochan agus talamh tuathanais air Ghalltachd a bhios iad ag ithe. <br /> <br /> 'S e eòin mhòra uisge le goban orains a tha ann an ealachan. Bidh iad a' briodachadh air feadh na Rìoghachd Aonaichte ann an lochan ao-domhainn, aibhnichean air nach eil sruth làidir, claisean-uisge, agus pàircean a tha faisg orra agus bidh iad ag ithe lusan uisge, biastagan agus silcheagan. Tha iad sàmhach mar as trice, ach bidh iad a' siosarnaich an uair a tha iad feargach.<br /> <br /> Anns an earrann èisteachd seo, a chaidh a chlàradh aig locha ann an Uibhist a Tuath tràth as t-earrach agus cluinnear sgiathan nan ealachan agus iad air iteig