Ùrachadh mu Dheireadh 21/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
An Loidse Siar, Caisteal Ghrannd
EXTERNAL ID
PC_GM2_PHOTOGRAPHS_015
ÀITE
Caisteal Ghrannd
SGÌRE
Crombail
SIORRACHD/PARRAIST
MOIREIBH: Crombail, Inbhir Ailein 's Àbhaidh
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh Bhaile nan Granndach
AITHNEACHADH MAOINE
22782
KEYWORDS
togalach
togalaichean
ailtireachd
West Lodge, Castle Grant

Chithear anns an dealbh-chamara seo an Loidse Siar; togalach a chaidh a thogail bhon a' meadhan gu deireadh an 19mh linn deug, agus a tha suidhichte aig fear dhe na slighean-inntrigidh Chaisteal Ghrannd.

Tha Caisteal Ghrannd, seann chathair Cheann-feadhna Chlann Ghrannd agus Iarlan eafield, 2.3 km an ear-thuath air Baile nan Granndach. Tha a' chiad iomradh sgrìobhte air tùr a bhith ann an seo a' nochdadh an 1536. Aig an àm seo bha an togalach agus am fearann timcheall air le Donnchadh le Gaunte à Fruychy, a fhuair sealbh orra mu 1450.

Thug Sir Ludovic Grannd 'Caisteal Ghrannd' air an togalach ann an 1694, agus chaidh a leasachadh aig amannan eadar-dhealaichte thairis air an 17mh linn agus tràth san 18mh linn. Chaidh Caisteal Ghrannd ath-dhealbhachadh agus a leudachadh gu mòr anns na 1750an leis an ailtire Albannach Iain Adam, agus b' e Adam a dhealbhaich an aghaidh chruaidh air taobh tuath an togalaich.

Chaidh Caisteal Ghrannd a reic leis an teaghlach Ghrannd an 1983, agus tha e bhon uair sin air a bhith fo shealbh prìobhaideach

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is mu phrìsean cuir post-d gu:
Taigh-tasgaidh Baile nan Granndach

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

An Loidse Siar, Caisteal Ghrannd

MOIREIBH: Crombail, Inbhir Ailein 's Àbhaidh

togalach; togalaichean; ailtireachd

Taigh-tasgaidh Bhaile nan Granndach

Grantown Museum Photographic Collection