Ùrachadh mu Dheireadh 03/08/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Banais aig Taigh-òsta Drochaid Neithich
EXTERNAL ID
PC_GM2_PHOTOGRAPHS_021
ÀITE
Drochaid Neithich
SGÌRE
Bàideanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Obar Neithich 's Cinn Chàrdainn
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh Bhaile nan Granndach
AITHNEACHADH MAOINE
22787
KEYWORDS
pòsadh
fasan
aodach
Wedding at the Nethy Bridge Hotel

Chan eil ach glè bheag de dh'fhiosrachadh ann mun dealbh-camara seo ann an tasglann Taigh-tasgaidh Bhaile nan Granndach, anns a chithear mòran aoighean aig banais, is iad nan seasamh airson dealbh-camara taobh a-muigh Taigh-òsta Dhrochaid Neithich.

Lorgar Taigh-òsta Drochaid Neithich ann am baile beag Drochaid Neithich a tha na laighe mu 8 km an iar-dheas air Baile nan Granndach. Chaidh an taigh-òsta a thogail ann an 1898 agus chaidh a leudachadh grunn thursan san 20mh linn.

Mus tàinig an rèile don bhaile ann an 1863, 's e Obar Neithich a bh' air a' bhaile. Chaidh an t-ainm ùr a thoirt air, Drochaid Neithich, ach eadar-dhealachadh a dhèanamh eadar am baile seo agus am baile Obar Neithich eile, far an robh Rèile Mòr Alba a Tuath a' stad mar-thà. Tha an t-ainm Drochaid Neithich a' buntainn don drochaid sa bhaile air a bheil trì boghannan agus a chaidh a dhealbhachadh le Tòmas Telford. Fhosgladh an drochaid ann an 1806. Dhùin an rèile a bha a' ruith tro Dhrochaid Neithich anns na 1960an

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is mu phrìsean cuir post-d gu:
Taigh-tasgaidh Baile nan Granndach

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Banais aig Taigh-òsta Drochaid Neithich

INBHIR NIS: Obar Neithich 's Cinn Chàrdainn

pòsadh; fasan; aodach

Taigh-tasgaidh Bhaile nan Granndach

Grantown Museum Photographic Collection