Ùrachadh mu Dheireadh 14/07/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Loch an Doirb bho Chroit Thiridh Mhòir
EXTERNAL ID
PC_GM2_PHOTOGRAPHS_028
ÀITE
Loch an Doirb
SGÌRE
Crombail
SIORRACHD/PARRAIST
MOIREIBH: Crombail, Inbhir Ailein 's Àbhaidh
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh Bhaile nan Granndach
AITHNEACHADH MAOINE
22790
KEYWORDS
lochan
bàtaichean
caistealan
eileanan
Lochindorb from Tirriemore Croft

Dealbh-camara de Loch an Doirb, a thogadh bho chroit Thiridh Mhòir, mu 10 km gun iar-thuath air Baile nan Granndach. Chithear taigh-bhàta beag air ro-ionad an deilbh.

Chithear cuideachd Caisteal Loch an Doirb air eilean beag, mu 300 meatair an ear air cladach Loch an Doirb. Tha eachdraidh Caisteal Loch an Doirb glè dhuilich a thuigsinn seach gu bheil e air a bhith fo smachd diofar bhuidhnean mus tàining e gu bhith na thobhta ann am meadhan nan 1400an.

'S ann san 13mh linn a chaidh am prìomh phàirt den chaisteal a thogail agus 's ann aig muinntir Chomyn a bha e mus deach a ghlacadh 's a chur gu feum fad greis le Eideard I, Righ Shasainn ann an 1303 rè Cogaidhean na Saorsa.

Bho 1732 a-mach, 's ann le fear Alasdair Stiùbhart, Iarla Bhuchain air an robh 'Am Madadh Bàideanach' a bha an caisteal.

Ann an 1455, b' ann le fear Gilleasbaig Dùbhghlas, Iarla Mhoireibh, a bha an caisteal. An dèidh call Dhùbhghlas san aon bhliadhna, thàinig an caisteal bho smachd a' Chrùin agus chuireadh òrdugh a-mach an caisteal a leagail. Tha an caisteal bhon uair sin air a dhol na thobhta

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is mu phrìsean cuir post-d gu:
Taigh-tasgaidh Baile nan Granndach

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Loch an Doirb bho Chroit Thiridh Mhòir

MOIREIBH: Crombail, Inbhir Ailein 's Àbhaidh

lochan; bàtaichean; caistealan; eileanan

Taigh-tasgaidh Bhaile nan Granndach

Grantown Museum Photographic Collection