Ùrachadh mu Dheireadh 05/01/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Carragh-cuimhne Cogaidh Bahile nan Granndach san t-Sneachda
EXTERNAL ID
PC_GM2_PHOTOGRAPHS_029
ÀITE
Baile nan Granndach
SIORRACHD/PARRAIST
MOIREIBH: Crombail, Inbhir Ailein 's Àbhaidh
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh Bhaile nan Granndach
AITHNEACHADH MAOINE
22791
KEYWORDS
carraighean-cuimhne
carraghan
togalaichean
Grantown War Memorial in the Snow

Dealbh-camara de bhonn Charragh-cuimhne Cogaidh Bhaile nan Granndach an dèidh fras shneachda. Chithear Taigh-aoigheachd Rosehall air a' chùl.

Is e na suidhe ann am prìomh cheàrnag a' bhaile, chaidh a dhealbhachadh le fear Alasdair Marshall MacCoinnich agus chaidh fhoillseachadh gu h-oifigeil leis a' Bh-Uas Seafield air 18 Sultain 1921.

Bha an t-ailtire Alasdair Marshall MacCoinnich stèidhichte ann an Obar Dheathain agus bha cliù aig obair ann an ear-thuath na h-Alba. Is dòcha gur e an obair a rinn e air Colaiste Mharishal an Obar Dheathain an obair as ainmeile a rinn e. Rinn e leudachadh mòr air a' cholaiste eadar 1893 agus 1905. Dhealbhaich e Eaglais Chraichidh cuideachd. Chaidh an eaglais seo a thogail eadar 1893 agus 1895 agus bidh an teaghlach rìoghail ga frithealadh nuair a bhios iad a' tadhal air Baile Mhoireil.

Dhealbhaidh Marshall MacCoinnich iomadach togalach eile ann am Baile nan Granndach, a' gabhail a-steach an Taigh-òsta Grant Arms agus a' chiad Sgoil Ghràmair Bhaile nan Granndach

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is mu phrìsean cuir post-d gu:
Taigh-tasgaidh Baile nan Granndach

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Carragh-cuimhne Cogaidh Bahile nan Granndach san t-Sneachda

MOIREIBH: Crombail, Inbhir Ailein 's Àbhaidh

carraighean-cuimhne; carraghan; togalaichean

Taigh-tasgaidh Bhaile nan Granndach

Grantown Museum Photographic Collection