Ùrachadh mu Dheireadh 14/07/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
A' Toirt Seachad Cearnag Bhaile nan Granndach do Chomhairle a' Bhaile
EXTERNAL ID
PC_GM2_PHOTOGRAPHS_061
ÀITE
Baile nan Granndach
SIORRACHD/PARRAIST
MOIREIBH: Crombail, Inbhir Ailein 's Àbhaidh
DEIT
1966
LINN
1960an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh Bhaile nan Granndach
AITHNEACHADH MAOINE
22802
KEYWORDS
deas-ghnàth
bailtean
comharrachaidhean
Handing Grantown Town Square to the Town Council, 1966

Air an 17mh là den Ògmhìos 1966, thug an 12ra Ban-iarla Seafield seachad Ceàrnag Bhaile nan Granndach gu foirmeil do Chomhairle a' Bhaile. Anns an aon bhliadhna, chaidh fèille-chomharrachaidh cuideachd a chumail air dà-cheud bliadhna de Bhaile nan Granndach, leis is gu robh 200 bliadhna ann bhon chruthaich Sir Seumas Grannd am baile dealbhaichte seo an toiseach.

Tha Baile nan Granndach fear am measg cha mhòr 150 baile dealbhaichte a chaidh a stèidheachadh ann an Alba eadar 1750 agus 1850. Mar thoradh air leasachaidhean ann an àiteachas san 18mh linn, gu h-àraid cuairteachadh achaidhean, bha tòrr na bu lugha de dh'fheum air luchd-obrach airson obair an fhearainn. Dh'adhbhraich seo ùpraid shòisealta mhòr agus chruthaich mòran uachdarain Albannach bailtean dealbhaichte mar dhòigh air malairt is gnìomhachas a bhrosnachadh sna sgìrean aca, agus chum gus obair a chruthachadh don fheadhainn a chaidh fhuadachadh bhon fhearann aca.

Thog Sir Seumas Grannd Baile nan Granndach timcheall air ceàrnag air làraich faisg air dà rathad a chaidh a thogail don arm. Chaidh gabhalaichean airson làraichean-togail a reic ann an 1765 agus chur Sir Seumas sanas san Aberdeen Journal a' cur an cèill gun toireadh e seachad "feus or long leases, and all proper encouragements to Manufacturers, Tradesmen and others, sufficiently recommended and attested, as to Character and Ability, who incline to settle there."

Chuir Sir Seumas tòrr airgid a-steach do dh'oidhirpean gus gnìomhachas saothrachaidh a thàladh do Bhaile nan Granndach, ach bha e soilleir ro dheireadh nan 1700an nach robh a' soirbheachadh lis na h-iomairtean seo. Shoirbhich le Baile nan Granndach, ge-tà, mar bhaile a bha a' toirt sheirbheisean don sgìre mu thimcheall air. Bha e soirbheachail cuideachd a thaobh turasachd bho na 1860an a-mach nuair a chaidh an àireamh de luchd-turais a bha tadhal air an sgìre am meud.

Gu ìre, thachair am fàs ann an turasachd mar thoradh air rathad-iarainn tighinn gu Baile nan Granndach ann an 1863. B' urrainn dha barrachd luchd-turais thighinn don bhaile leis an rathad-iarainn. Thadhail Banrigh Bhioctoria agus am Prionnsa Albert air Baile nan Granndach san t-Sultain 1860. Bha a' Ghàidhealtachd air fàs nas fhasanta am measg muinntir Bhreatainn às dèidh don Bhanrigh Baile Mhoireil a cheannach anns na 1840an.

A rèir an neach-eachdraidh R N MacMillan, tha Baile nan Granndach "among the best-preserved and most interesting of all the Scottish planned villages". Tha e fhathast na bhaile cudromach a thaobh turasachd agus tha beagan a bharrachd air 2,000 a' fuireach ann

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is mu phrìsean cuir post-d gu:
Taigh-tasgaidh Baile nan Granndach

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

A' Toirt Seachad Cearnag Bhaile nan Granndach do Chomhairle a' Bhaile

MOIREIBH: Crombail, Inbhir Ailein 's Àbhaidh

1960an

deas-ghnàth; bailtean; comharrachaidhean

Taigh-tasgaidh Bhaile nan Granndach

Grantown Museum Photographic Collection