Ùrachadh mu Dheireadh 21/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Seann Drochaid agus Drochaid Ùr Chàrr agus Taigh-òsta Chàrr
EXTERNAL ID
PC_GM2_PHOTOGRAPHS_076
ÀITE
Drochaid Chàrr
SGÌRE
Bàideanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Daothal 's Ràta Mhurchais
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh Bhaile nan Granndach
AITHNEACHADH MAOINE
22808
KEYWORDS
drochaidean
daoine
aibhnichean
daoine
The Old and New Carr Bridges and Carrbridge Hotel

Chithear anns an dealbh-chamara seo ann an tasglann Taigh-tasgaidh Bhaile nan Granndach cruinneachadh fhireannach is bhoireannach is iad a' seasamh airson dealbh air muin Seann Drochaid Chàrr, ri taobh Taigh-òsta Charra. Chithear an t-Seann Drochaid Chàrr air a' chùl. Tha Drochaid Chàrr na laighe 11km gu tuath air an Aghaidh Mhòir.

Chaidh an t-seann drochaid, air ro-ionad an deilbh, a thogail ann an 1717, le òrdugh a' Bhrigadier-Seanalair Sir Alasdair Grannd, ach am faigheadh daoine is beathaichean thairis air Abhainn Tuilnein. Bha seo cuideachd a' leigeil le tìodhlacaidhean ann an Cladh Dhaothail a dhol air adhart, ged a bhiodh an abhainn a' cur thairis, 's mar sin 's e 'drochaid na ciste' a chanas muinntir an àite rithe fhathast. Chaidh an drochaid a thogail leis a' chlachair John Niccelsone agus chosg i £100.

Chaidh an 'drochaid ùr' air a cùlaibh san dealbh a thogail ann an 1791, agus ann an 1803 chaidh taigh-seinnse a thogail ri taobh na drochaid, a thàinig gu bhith na Thaigh-òsta Drochaid Chàrr. Thathas air drochaid nas ùire a chur na h-àite bhon uair sin

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is mu phrìsean cuir post-d gu:
Taigh-tasgaidh Baile nan Granndach

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Seann Drochaid agus Drochaid Ùr Chàrr agus Taigh-òsta Chàrr

INBHIR NIS: Daothal 's Ràta Mhurchais

drochaidean; daoine; aibhnichean; daoine

Taigh-tasgaidh Bhaile nan Granndach

Grantown Museum Photographic Collection