Ùrachadh mu Dheireadh 21/03/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Wolf Cubs Bhaile nan Granndach, 1949
EXTERNAL ID
PC_GM2_PHOTOGRAPHS_127
ÀITE
Baile nan Granndach
SIORRACHD/PARRAIST
MOIREIBH: Crombail, Inbhir Ailein 's Àbhaidh
DEIT
1949
LINN
1940an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh Bhaile nan Granndach
AITHNEACHADH MAOINE
22830
KEYWORDS
Grantown Wolf Cubs, 1949

Chaidh an dealbh seo a thogail goirid às dèidh do Wolf Cubs Bhaile nan Granndach a thòiseachadh as ùr às dèidh iomadh bliadhna nuair nach do choinnich a' bhuidheann idir. Chithear an t-Urr. Uilleam MacAoidh (Cubmaster) air an taobh dheas còmhla ris an fhear nas òige, Dùbhlas MacDhùnLèibhe (Leas-chubmaster). Chaidh an dealbh a thogail sa Cheàrnaig, Baile nan Granndach.

Thòisich na Scouts ann am Baile nan Granndach ann an 1908, ged a dhùin Feachd nan Scout (a bha an toiseach airson balaich bho 11 to 18) iomadh turas mar thoradh air duilgheadasan le luchd-stiùiridh. Bho 1954 gu 1969 is e 1d buidheann Inbhir Alain an t-ainm a bh' air buidheann nan Scout (anns an robh Paca Cub agus Feachd Scout) oir bha e air a ruith còmhla ris an eaglais ionadail, agus am minister na Scoutmaster. Bho 1969 tha an t-ainm '1d Scouts Bhaile nan Granndach' air a bhith orra. Chaidh na Wolf Cubs (Cub Scouts bho 1968) a stèidheachadh ann an 1925 ach a-rithist, mar thoradh air duilgheadasan le luchd-stiùiridh, chan eil a' bhuidheann air a bhith a' coinneachadh a h-uile bliadhna bhon uair sin.

Ann an 2008, bha Beaver Colony (airson clann aois 6 is 7), Cubs (airson clann aois 8 gu 10) agus Scouts (airson clann aois 10 gu 15) ann. Tha iomadh buidheann Scout ann an Sgìre Scout Inbhir Nis a bharrachd air Scouts Bhaile nan Granndach

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is mu phrìsean cuir post-d gu:
Taigh-tasgaidh Baile nan Granndach

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Wolf Cubs Bhaile nan Granndach, 1949

MOIREIBH: Crombail, Inbhir Ailein 's Àbhaidh

1940an

Taigh-tasgaidh Bhaile nan Granndach

Grantown Museum Photographic Collection