Ùrachadh mu Dheireadh 06/12/2016
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Cuimhneachan de Bhaile nan Granndach - Ìomhaigh 1, Sealladh de Bhaile nan Granndach
EXTERNAL ID
PC_GM2_POSTCARDS_002
ÀITE
Baile nan Granndach
SIORRACHD/PARRAIST
MOIREIBH: Crombail, Inbhir Ailein 's Àbhaidh
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh Bhaile nan Granndach
AITHNEACHADH MAOINE
22849
KEYWORDS
seallaidhean-tìre
Souvenir of Grantown on Spey - Image 1, View of Grantown

'S e seo a' chiad fhear de dheich ìomhaighean bho sheata chairtean-puist 'Souvenir of Grantown on Spey' agus tha e a' sealltainn sealladh de Bhaile nan Granndach. Suidhichte mun cuairt air 32 km an ear-dheas air Inbhir Nis, 's e baile dealbhaichte a chaidh a stèidheachadh ann an 1765 leis an uachdaran ionadail, Sir Seumas Grannd a th' ann am Baile nan Granndach.

Tha Baile nan Granndach air aon de cha mhòr 150 baile dealbhaichte a chaidh a stèidheachadh ann an Alba eadar 1750 agus 1850. Mar thoradh air leasachaidhean ann an àiteachas san 18mh linn, gu h-àraid cuairteachadh achaidhean, bha tòrr nas lugha de luchd-obrach a dhìth airson obair air an fhearann. Dh'adhbhraich seo tòrr ùpraid shòisealta agus chruthaich mòran uachdarain Albannach bailtean dealbhaichte mar dhòigh gus malairt is gnìomhachas a bhrosnachadh sna sgìrean aca, agus mar dhòigh gus obair a chruthachadh don fheadhainn a chaidh fhuadachadh bhon fhearann

Thog Sir Seumas Grannd Baile nan Granndach timcheall air ceàrnag air làrach faisg air dà rathad a chaidh a thogail don arm. Chaidh gabhalaichean airson làraich togail a chur air a' mhargaidh ann an 1765 agus chur Sir Seumas sanas san Aberdeen Journal a' cur an cèill gun toireadh e seachad "feus or long leases, and all proper encouragements to Manufacturers, Tradesmen and others, sufficiently recommended and attested, as to Character and Ability, who incline to settle there."

Chuir Sir Seumas tòrr airgid a-steach do dh'oidhirpean gus gnìomhachas saothrachaidh a thàladh do Bhaile nan Granndach, ach bha e soilleir ro dheireadh nan 1700an nach robh na gnìomhachasan seo a' soirbheachadh. Shoirbhich le Baile nan Granndach, ge-tà, mar bhaile a bha a' toirt sheirbheisean don sgìre timcheall air. Bha e soirbheachail a thaobh turasachd cuideachd bho na 1860an a-mach nuair a chaidhan àireamh luchd-turais a bha a' tadhal air an sgìre am meud.

Gu ìre, thachair am fàs ann an turasachd mar thoradh air an rèile a' tighinn gu Baile nan Granndach ann an 1863 agus air sgàth seo b' urrainn dha barrachd luchd-turais tadhal air a' bhaile. Thadhail a' Banrigh Bhictòria agus am Prionnsa Albert air Baile nan Granndach san t-Sultain 1860. Bha a' Ghàidhealtachd air fàs nas fhasanta am measg muinntir Bhreatainn às dèidh dhan Bhanrigh Baile Mhoireil a cheannach anns na 1840an.

A rèir an neach-eachdraidh R N MacMillan, tha Baile nan Granndach "among the best-preserved and most interesting of all the Scottish planned villages". Tha e fhathast na bhaile cudromach a thaobh turasachd agus tha beagan a bharrachd air 2,000 a' fuireach ann.

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.

Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is mu phrìsean cuir post-d gu:

Taigh-tasgaidh Baile nan Granndach

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Cuimhneachan de Bhaile nan Granndach - Ìomhaigh 1, Sealladh de Bhaile nan Granndach

MOIREIBH: Crombail, Inbhir Ailein 's Àbhaidh

seallaidhean-tìre

Taigh-tasgaidh Bhaile nan Granndach

Grantown Museum Photographic Collection