Ùrachadh mu Dheireadh 21/03/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Cuimhneachan de Bhaile nan Granndach - Ìomhaigh 4, Caisteal nan Granndach
EXTERNAL ID
PC_GM2_POSTCARDS_005
ÀITE
Baile nan Granndach
SIORRACHD/PARRAIST
MOIREIBH: Crombail, Inbhir Ailein 's Àbhaidh
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh Bhaile nan Granndach
AITHNEACHADH MAOINE
22852
KEYWORDS
ailtireachd
Souvenir of Grantown on Spey - Image 4, Castle Grant

'S e seo an ceathramh fear de dheich ìomhaighean bho sheata chairtean-puist 'Souvenir of Grantown on Spey' agus tha e a' sealltainn Caisteal nan Granndach suidhichte 2.3 km an iar-thuath air Baile nan Granndach.

Chaidh a' chiad iomradh sgrìobhte a thoirt air an tùr ann an 1536. Aig an àm sin, bha an togalach agus an talamh timcheall air le 'Duncan le Gaunte of Fruychy', a fhuair iad mun bhliadhna 1450.

Thug Sir Maoldòmhnaich Grannd an t-ainm 'Caisteal nan Granndach' air a' chaisteal ann 1694 agus chaidh an caisteal a leudachadh iomadh turas rè an t-17mh agus an 18mh linn. Chaidh an caisteal ath-nuadhachadh agus a leudachadh anns na 1750an leis an ailtire Albannach Iain Adam, agus b' e Adam a dhealbhaich an aghaidh chruaidh air taobh tuath an togalaich.

'S ann à teaghlach de dh'ailtirean ainmeil a bha Iain Adam (1721-1791). B' e a athair, Uilleam Adam, a dhealbhaich Taigh Hopetoun faisg air Dùn Èideann agus dhealbhaich a bhràthair, Raibeart Adam, Ceàrnag Teàrlaig ann an Dùn Èideann agus Caisteal Culzean ann an Siorrachd Àir.

Chan eil duine a' fuireach ann an Caisteal nan Granndach an-dràsta agus tha an togalach ann an droch staid aig an àm seo

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is mu phrìsean cuir post-d gu:
Taigh-tasgaidh Baile nan Granndach

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Cuimhneachan de Bhaile nan Granndach - Ìomhaigh 4, Caisteal nan Granndach

MOIREIBH: Crombail, Inbhir Ailein 's Àbhaidh

ailtireachd

Taigh-tasgaidh Bhaile nan Granndach

Grantown Museum Photographic Collection