Ùrachadh mu Dheireadh 21/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Baile nan Granndach san t-Sneachd
EXTERNAL ID
PC_GM3_BOX2_014
ÀITE
Baile nan Granndach
SIORRACHD/PARRAIST
MOIREIBH: Crombail, Inbhir Ailein 's Àbhaidh
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh Bhaile nan Granndach
AITHNEACHADH MAOINE
22906
KEYWORDS
bailtean air am planadh
rèile
sneachda
turasachd
Banrigh Bhictoria
View of Grantown in snow

San dealbh-chamara seo chithear sealladh air sràid làn de shneachda ann am Baile nan Granndach, baile a tha na laighe mu 32 km dhan earra-dheas air Inbhir Nis. 'S e baile a chaidh a dheilbh a th' ann, stèidhichte ann an 1765 leis an uachdaran sgìreil, Sir Seumas Grannd.

'S e Baile nan Granndach fear de 150 bailtean beaga, no mar sin, a chaidh a phlanadh 's a stèidheachadh ann an Alba eadar 1750 is 1850. Leis an leasachadh ann an àiteachas san 18mh linn, gu sònraichte le cuairteachadh an fhearann-àiteachaidh, cha robh feum air an uibhir de dhaoine a bhith ag obair na talmhainn. Dh'adhbhraich seo tòrr aimhreit am measg an t-sluaigh, agus chuir iomadh uachdaran ann an Alba air bhonn baile air a phlanadh mar dhòigh a bhith a' brosnachadh bathair is gnìomhachais san sgìre, agus mar dhòigh a bhith a' cumail obair ris an fheadhainn a bha air an cur bhon fhearann aca.

Chàirich Sir Seumas Grannd am baile aige timcheall air ceàrnag mhòr sa mheadhan, ann an àite far an robh dà rathad an airm a' siubhal troimhe. Chaidh làraichean togail fo mhàl a reic ann an 1765, agus chuir Sir Seumas sanas-reic san 'Aberdeen Journal' ag ràdh gun toireadh e "Feus or long leases, and all proper encouragement to Manufacturers, Tradesmen, or others, sufficiently recommended and attested, as to Character and Ability, who incline to settle there."

Chuir Sir Seumas tòrr airgid a-steach don chùis feuch an tàlaidheadh e luchd-dèanamh às gach seòrsa don bhaile, ach mu dheireadh nan 1700an bha e follaiseach nach robh na gnìomhachasan sin idir a' dol gu soirbheachail. Ach b' ann mar ionad-frithealaidh don sgìre mun cuairt a thòisich am baile a' cosnadh, agus bho na 1860an air adhart fhuair e barrachd teachd-a-steach leis an àireamh na bu mhotha de luchd-turais a bha a' tadhal air.

Thàinig am fàs seo ann an turasachd, gu ìre, on rèile do Bhaile nan Granndach a dh'fhosgail ann an 1863 agus a thug a-steach mòran a bharrachd dhaoine a' tadhal air a' bhaile. San t-Sultain 1860 cuideachd, bha a' Bhanrigh Bhictoria 's am Prionnsa Ailbeart air turas a dhèanamh air a' bhaile an dèidh dhaibh Baile Mhoireil a cheannach sna 1840an, rud a bha air Gàidhealtachd na h-Alba a dhèanamh glè tharraingeach do mhòr-shluagh Bhreatainn.

Tha an neach-eachdraidh RN Mac a' Mhaoilein air bruidhinn air Baile nan Granndach mar "among the best-preserved and most interesting of all Scottish planned villages". An-diugh 's e fhathast ionad turasachd a th' ann agus tha àireamh-sluaigh de chòrr is 2000 neach a' fuireach ann.

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is mu phrìsean cuir post-d gu:
Taigh-tasgaidh Baile nan Granndach

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Baile nan Granndach san t-Sneachd

MOIREIBH: Crombail, Inbhir Ailein 's Àbhaidh

bailtean air am planadh; rèile; sneachda; turasachd; Banrigh Bhictoria

Taigh-tasgaidh Bhaile nan Granndach

Grantown Museum Photographic Collection