Ùrachadh mu Dheireadh 21/03/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Ernest Findlay a' faighinn Bràiste Cornwell
EXTERNAL ID
PC_GM3_BOX2_039
ÀITE
Baile nan Granndach
SIORRACHD/PARRAIST
MOIREIBH: Crombail, Inbhir Ailein 's Àbhaidh
DEIT
1971
LINN
1970an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh Bhaile nan Granndach
AITHNEACHADH MAOINE
22910
KEYWORDS
Ernest Findlay receiving the Cornwell Badge

Anns an dealbh seo, chithear am Morair Foirbeis is e a' toirt Bràiste Scout Cornwell do dh'Ernest Findlay. Chaidh seo a thogail aig deireadh a' Chèitean/toiseach an Ògmhios 1971.

Bha Ernest na Chub Scout ged a bha muscular dystrophy air. Chaidh e na 'sixer' mus deach e a-steach don Scout Troop mun aois 11. Chaidh Bràiste Scout Cornwell a thoirt dha leis a' Mhorair Foirbeis a bha na Cheann-suidhe air Comann Scout na h-Alba aig an àm.

Is ann bho Jack Cornwall, VC, a fhuair a' bhràiste a h-ainm. Bha Cornwell, a bha air a bhith na scout ann an Lunnainn, air bòrd HMS Chester rè Blàr Jutland ann an 1916. Cha do dh'fhàg e an gunna aige, ged a chaidh a bhriseadh le losgadh bhon nàmhaid, is ged a chaidh cuid de na gunnairean a mharbhadh. Chaochail e beagan làithean às dèidh a' bhlàir bho na leòntan aige is e gun ach 16 bliadhna is 6 mìosan a dh'aois. Chruthaich Baden-Powell, a stèidhich gluasad nan Scouts, Bràiste Scout Cornwell airson gaisge nan òigridh. Ann an 1972 fhuair Ernest bràiste coimeas baidhsagalachd airson trìsagal, agus ann an 1973 chùm Cubs Bhaile nan Granndach tachartas snàmh le sponsaireachd gus airgead a thogail airson bugaidh fhaighinn dha

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is mu phrìsean cuir post-d gu:
Taigh-tasgaidh Baile nan Granndach

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Ernest Findlay a' faighinn Bràiste Cornwell

MOIREIBH: Crombail, Inbhir Ailein 's Àbhaidh

1970an

Taigh-tasgaidh Bhaile nan Granndach

Grantown Museum Photographic Collection