Ùrachadh mu Dheireadh 21/03/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Tiodhlacadh Ban-iarla Urramach Caroline Seafield
EXTERNAL ID
PC_GM3_BOX2_050
ÀITE
Baile nan Granndach
SIORRACHD/PARRAIST
MOIREIBH: Crombail, Inbhir Ailein 's Àbhaidh
DEIT
12 Dàmhair 1911
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh Bhaile nan Granndach
AITHNEACHADH MAOINE
22920
KEYWORDS
carbadan eich
carbad-tiodhlaigidh
tiodhlacaidhean
uachdarain
flaitheachd
Funeral of the Right Honourable Caroline, Countess Dowager of Seafield

Chithear san dealbh-chamara seo, a thogadh an 1911, giùlan tiodhlacaidh Ban-iarla Urramach Seafield.

Rugadh Caroline Stiùbhart, Ban-iarla Seafield, air 30 Ògmhios 1830. B' i an tè a b' òige de ochd chloinn deug Raibeairt Walter, 11mh Morair Bhaile an t-Saoir, is Fanny Mary, ogha den àrd-mhariache ainmeil, Morair Rodney. Bhuineadh i, tro a h-athair, do na Stiùbhartaich às Minto, a bha de shliochd Stiùbhartaich Gheàrr Lios, Iarlan Ghall-Ghàidhealaibh.

Air 12 Lùnastal 1850, phòs i fear Iain Teàrlach MacIlleBhuidhe-Grannd. A bharrachd air a bhith na cheann-feadhna Chlann Ghrannd, b' e cuideachd an 7mh Iarla Seafield agus a' chiad Bharan Srath Spè. Cha robh aca ach an aon phàiste, an t-ochdamh Iarla Seafield, a rugadh air 7 Dàmhair 1851.

Bhàsaich Baintighearna Seafield air 6 Dàmhair 1911. Bhàsaich an duine aice 30 bliadhna roimhpe-se. Gu duilich dhi, bhàsaich cuideachd am mac aice, Iain Teàrlach, roimhpe an 1888. B' e mac a mic a fhuair an oighreachd às a dèidh

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is mu phrìsean cuir post-d gu:
Taigh-tasgaidh Baile nan Granndach

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Tiodhlacadh Ban-iarla Urramach Caroline Seafield

MOIREIBH: Crombail, Inbhir Ailein 's Àbhaidh

carbadan eich; carbad-tiodhlaigidh; tiodhlacaidhean; uachdarain; flaitheachd

Taigh-tasgaidh Bhaile nan Granndach

Grantown Museum Photographic Collection