Ùrachadh mu Dheireadh 05/01/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Cultar Luchd Bodhar na Gàidhealtachd - Ar Cuimhneachain 's Ar Cànain: Sgoil (1 de 2)
EXTERNAL ID
HC_DEAFPROJECT_2010_01A
DEIT
2010
LINN
2010an
CRUTHADAIR
Highland Deaf Centre
NEACH-FIOSRACHAIDH
Highland Deaf Centre
AITHNEACHADH MAOINE
2298
KEYWORDS
cuimhneachain
eachdraidh air aithris
agallamhan
balbh-chànain
Balbh-chànain Bhreatannach
meur-litreachadh
foghlam
sgoil
oideachadh

Get Adobe Flash player

Chaidh na h-agallamhan san fhilm seo a chlàrachadh mar phàirt de phròiseact a tha a' dèanamh clàr de na h-eachdraidhean iongantach, sòisealta aig luchd-cleachdaidh BSL (Balbh-chànain Bhreatannach) air a' Ghàidhealtachd agus sna h-Eileanan. B' e seo a' chiad turas a chaidh clàradh a dhèanamh de na cuimhneachaidhean agus na sgeulachdan aig na daoine bodhar seo sa Ghàidhealtachd a tha a' cleachdadh BSL. 'S e seo a' chiad phàirt de dh'fhilm far a bheil luchd na cànain-meurach ag innse mar a bha cùisean dhaibh san fhoghlam aca agus san sgoil.

Chaidh naoi uairean a thìde de dh'fhilm a thogail airson na h-aithriseachd seo, a sheasas uair a thìde, a dhèanamh. 'S e seo cliop dheth. Don fheadhainn a tha airson dòighean eachdraidheil agus cànanach balbh-chànain na Gàidhealtachd a sgrùdadh, tha am film slàn air a chumail aig ionad Tasglann na Gàidhealtachd.

Chaidh am film a dheasachadh le Charlie Watson (weetv ltd) agus a riochdachadh le Jenny Liddell (Highland Deaf Communication Project). Mhaoinicheadh am pròiseact le Maoin Dualchais a' Chrannchuir.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Cultar Luchd Bodhar na Gàidhealtachd - Ar Cuimhneachain 's Ar Cànain: Sgoil (1 de 2)

2010an

cuimhneachain; eachdraidh air aithris; agallamhan; balbh-chànain; Balbh-chànain Bhreatannach; meur-litreachadh; foghlam; sgoil; oideachadh

Highland Deaf Centre

Highland Deaf Culture - Our Memories & Language

Chaidh na h-agallamhan san fhilm seo a chlàrachadh mar phàirt de phròiseact a tha a' dèanamh clàr de na h-eachdraidhean iongantach, sòisealta aig luchd-cleachdaidh BSL (Balbh-chànain Bhreatannach) air a' Ghàidhealtachd agus sna h-Eileanan. B' e seo a' chiad turas a chaidh clàradh a dhèanamh de na cuimhneachaidhean agus na sgeulachdan aig na daoine bodhar seo sa Ghàidhealtachd a tha a' cleachdadh BSL. 'S e seo a' chiad phàirt de dh'fhilm far a bheil luchd na cànain-meurach ag innse mar a bha cùisean dhaibh san fhoghlam aca agus san sgoil. <br /> <br /> Chaidh naoi uairean a thìde de dh'fhilm a thogail airson na h-aithriseachd seo, a sheasas uair a thìde, a dhèanamh. 'S e seo cliop dheth. Don fheadhainn a tha airson dòighean eachdraidheil agus cànanach balbh-chànain na Gàidhealtachd a sgrùdadh, tha am film slàn air a chumail aig ionad Tasglann na Gàidhealtachd.<br /> <br /> Chaidh am film a dheasachadh le Charlie Watson (weetv ltd) agus a riochdachadh le Jenny Liddell (Highland Deaf Communication Project). Mhaoinicheadh am pròiseact le Maoin Dualchais a' Chrannchuir.